Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 35 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thàinig Iàcob gu Betel, far an do thog e altair do Dhia. 9 Tha e air a bheannachadh. 16 Bàs Racheil. 23 Mic Iàcoib. 28 Aois Isaaic, a bhàs, agus adhlac.

1 Agus thubhairt Dia ri Iàcob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau, do bhràthair.

2 Agus thubhairt Iàcob ra theaghlach, agus riùsan uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na diathan coimheach a tha nur measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh ur n‑aodach:

3 Agus èireamaid, agus rachamaid suas gu Betel; agus nì mise an sin altair do Dhia, a dh’èisd rium ann an là mo chruaidh‐chàis, agus a bha maille rium anns an t‑slighe air an deachaidh mi.

4 Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas‐fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem.

5 Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.

6 Mar sin thàinig Iàcob gu Luds, a tha ann an tìr Chanàain, eadhon Betel, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris.

7 Agus thog e an sin altair, agus thug e El‑betel mar ainm air an àite; do bhrìgh ann an sin gun d’fhoillsich Dia e fhèin dha, nuair a theich e o ghnùis a bhràthar.

8 Ach fhuair Deborah, banaltram Rebecah, bàs, agus dh’adhlaiceadh i fo Bhetel, fo dharaig: agus thugadh Alon‐bacut mar ainm air.

9 Agus dh’fhoillsich Dia e fhèin do Iàcob a‑rìs, nuair a thàinig e à Padan‐àram; agus bheannaich e e.

10 Agus thubhairt Dia ris, Is e Iàcob as ainm dhut; cha ghoirear Iàcob dhìot nas mò, ach is e Israel a bhios na ainm ort: agus thug e Israel mar ainm air.

11 Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile‐chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

12 Agus am fearann a thug mi do Abrahàm agus do Isaac, dhutsa bheir mi e; agus dod shliochd ad dhèidh bheir mi am fearann.

13 Agus chaidh Dia suas uaithe anns an àit anns an do labhair e ris.

14 Agus chuir Iàcob suas carragh anns an àit anns an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas‐dibhe air, agus dhòirt e ola air.

15 Agus thug Iàcob Betel mar ainm air an àite far an do labhair Dia ris.

16 Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca ri teachd gu Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre.

17 Agus nuair a bha i ann an cruaidh shaothair, an sin thubhairt a’ bhean‐ghlùine rithe, Na biodh eagal ort, oir bidh am mac seo agad cuideachd.

18 Agus nuair a bha a h‑anam a’ dealachadh rithe (oir fhuair i bàs), thug i Ben‐oni mar ainm air: ach thug a athair mar ainm air Beniàmin.

19 Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i anns an t‑slighe gu Ephrat, eadhon Betlehem.

20 Agus chuir Iàcob suas carragh air a h‑uaigh: is e seo carragh uaigh Racheil gus an là‑an‑diugh.

21 Agus ghabh Israel a thuras, agus shuidhich e a bhùth an taobh thall de thùr Edeir.

22 Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac‐dheug aig Iàcob:

23 Mic Lèah: Reuben ciad‐ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;

24 Mic Racheil: Iòseph agus Beniàmin;

25 Agus mic Bhilhah, banoglach Racheil: Dan agus Naphtali:

26 Agus mic Shilpah, banoglach Lèah: Gad agus Aser. Is iad sin mic Iàcoib, a rugadh dha ann am Padan‐àram.

27 Agus thàinig Iàcob a‑chum Isaaic, a athair, do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abrahàm agus Isaac air chuairt.

28 Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna is ceithir‐fichead.

29 Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir fhèin, agus e na sheann duine agus làn de làithean. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iàcob e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan