Genesis 31 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Theich Iàcob air falbh gu h‑uaigneach o Làban gu dol do thìr Chanàain. 22 Lean Làban e. 44 Rinn iad coicheangal ri chèile aig Galeed. 1 Agus chuala e briathran mic Làbain, ag ràdh, Thug Iàcob leis gach nì a bha aig ar n‑athair, agus on nì sin a bu le ar n‑athair‐ne fhuair e dha fhèin a’ mhòrachd seo uile. 2 Agus chunnaic Iàcob gnùis Làbain, agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin. 3 Agus thubhairt an Tighearna ri Iàcob, Till gu dùthaich d’athraichean agus a dh’ionnsaigh do dhìlsean; agus bidh mise maille riut. 4 Agus chuir Iàcob teachdaire uaithe, agus ghairm e Rachel agus Lèah don mhachair a dh’ionnsaigh a threuda, 5 Agus thubhairt e riu, Tha mi a’ faicinn gnùis ur n‑athar, nach eil i leam mar a bha i roimhe: ach bha Dia m’athar maille riumsa. 6 Agus tha fhios agaibh fhèin, lem uile dhìcheall gun do rinn mi seirbhis dur n‑athair. 7 Gidheadh mheall ur n‑athair mi, agus mhùth e mo thuarasdal deich uairean: ach cha do leig Dia leis cron a dhèanamh orm. 8 Ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh bhreac nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl breac: agus ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh stiallach nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl stiallach. 9 Mar seo thug Dia air falbh sprèidh ur n‑athar, agus thug e dhòmhsa iad. 10 Agus nuair a dh’fhàs an sprèidh torrach, thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi ann an aisling, agus, feuch, bha na reitheachan, a bha a’ reithe na sprèidhe, stiallach, breac, agus grìs‐fhionn. 11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iàcoib: agus thubhairt mise, Tha mi an seo. 12 Agus thubhairt esan, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic na reitheachan uile, a tha a’ reithe na sprèidhe, gu bheil iad stiallach, breac, agus grìs‐fhionn: oir chunnaic mise gach nì a rinn Làban ort. 13 Is mise Dia Bheteil, far an d’ung thu an carragh, far an do bhòidich thu dhòmhsa bòid: a‑nis èirich, imich a‑mach as an tìr seo, agus till gu tìr do dhìlsean. 14 Agus fhreagair Rachel agus Lèah agus thubhairt iad ris, A bheil fhathast cuibhreann no oighreachd air bith againne ann an taigh ar n‑athar? 15 Nach eil sinn air ar meas leis mar choigrich? Oir reic e sinn, agus straoidh e mar an ceudna gu tur ar n‑airgead: 16 Oir an saoibhreas sin uile a thug Dia o ar n‑athair, is leinn fhèin, agus le ar cloinn e: a‑nis, uime sin, gach nì a thubhairt Dia riutsa, dèan e. 17 An sin dh’èirich Iàcob suas, agus chuir e a mhic agus a mhnathan air càmhail; 18 Agus thug e leis a sprèidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, sprèidh a chosnaidh, a fhuair e am Padan‐àram, gu dol a dh’ionnsaigh Isaaic a athair gu tìr Chanàain. 19 Agus chaidh Làban a lomairt a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan a bu le a h‑athair. 20 Agus ghoid Iàcob air falbh gun fhios do Làban an Sirianach, a chionn nach d’innis e dha gu robh e gu teicheadh. 21 Agus theich e leis gach nì a bha aige; agus dh’èirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn, agus chuir e a aghaidh ri sliabh Ghilead. 22 Agus dh’innseadh do Làban, air an treas là, gun do theich Iàcob. 23 Agus thug e a bhràithrean leis, agus lean e e astar seachd làithean, agus rug e air ann an sliabh Ghilead. 24 Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc. 25 An sin rug Làban air Iàcob. A‑nis shuidhich Iàcob a bhùth anns an t‑sliabh, agus shuidhich Làban maille ra bhràithrean ann an sliabh Ghilead. 26 Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Ciod seo a rinn thu, gun do ghoid thu air falbh gun fhios dhomh, agus gun tug thu leat mo nigheanan, mar bhraighdean a thugadh a‑mach leis a’ chlaidheamh? 27 Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich? 28 Agus nach do leig thu leam mo mhic agus mo nigheanan a phògadh? A‑nis is amaideach a fhuaireadh thu le seo a dhèanamh. 29 Tha e an comas mo làimhe‐sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc. 30 Agus a‑nis, ged b’èiginn dhut falbh, a chionn gu robh thu gu ro‑mhòr an geall air taigh d’athar, gidheadh carson a ghoid thu mo dhiathan? 31 Agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, A chionn gu robh eagal orm: oir thubhairt mi, Theagamh gun tugadh tu uam do nigheanan le ainneart. 32 Ge bè neach aig am faigh thu do dhiathan, na maireadh e beò: an làthair ar bràithrean faic ciod a tha agam a bhuineas dhut, agus gabh thugad e; oir cha robh fhios aig Iàcob gun do ghoid Rachel iad. 33 Agus chaidh Làban a‑steach do bhùth Iàcoib, agus do bhùth Lèah, agus do bhùth an dà bhanoglaich; ach cha d’fhuair e iad. An sin chaidh e a‑mach à bùth Lèah, agus chaidh e a‑steach do bhùth Racheil. 34 A‑nis ghoid Rachel na dealbhan, agus chuir i iad ann an acfhainn a’ chàmhail, agus shuidh i orra. Agus rannsaich Làban am bùth uile, ach cha d’fhuair e iad. 35 Agus thubhairt i ra h‑athair, Na cuireadh e corraich air mo thighearna nach urrainn mi èirigh suas ad fhianais, oir tha orm a rèir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan. 36 Agus bha fearg air Iàcob, agus throid e ri Làban: agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu robh thu cho dian air mo thòir? 37 An dèidh dhut m’àirneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu de uile àirneis do thaighe? Cuir an seo e an làthair mo bhràithrean‐sa agus do bhràithrean fhèin, agus gun tabhair iad breith eadarainn nar dithis. 38 A‑nis fichead bliadhna bha mi maille riut; cha do thilg do chaoraich an uain, no do ghobhair am minn, agus reitheachan do threuda cha d’ith mi. 39 An nì sin a reubadh le fiadh‐bheathaichean cha tug mi ad ionnsaigh; ghiùlain mi fhèin a chall: om làimh‐sa dh’iarr thu e, co‑dhiù a ghoideadh e anns an là, no a ghoideadh e anns an oidhche. 40 Mar seo bha mi; anns an là chlaoidh an teas mi, agus an reodhadh anns an oidhche; agus dhealaich mo chadal rim shùilean. 41 Mar seo bha mi fichead bliadhna ad thaigh: ceithir‐bliadhna‑deug rinn mi seirbhis dhut airson do dhithis nighean, agus sia bliadhna airson do sprèidhe; agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean. 42 Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir. 43 Agus fhreagair Làban, agus thubhairt e ri Iàcob, Na nigheanan seo is iad mo nigheanan‐sa, agus an sprèidh seo mo sprèidh‐sa; agus gach nì a tha thu a’ faicinn, is leamsa e: agus ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh an‑diugh rim nigheanan seo, no rin cloinn a rug iad? 44 A‑nis uime sin thig‐sa, dèanamaid coicheangal, mise agus thusa; agus biodh e mar fhianais eadar mise agus thusa. 45 Agus ghabh Iàcob clach, agus chuir e suas i mar charragh. 46 Agus thubhairt Iàcob ra bhràithrean, Cruinnichibh clachan: agus ghabh iad clachan, agus rinn iad càrn, agus dh’ith iad an sin air a’ chàrn. 47 Agus thug Làban mar ainm air Iegar‐sahaduta: ach thug Iàcob mar ainm air Galeed. 48 Agus thubhairt Làban, Tha an càrn seo na fhianais eadar mise agus thusa an‑diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air; 49 Agus Midspah; oir thubhairt e, Dèanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, nuair a bhios sinn an làthair a chèile. 50 Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan‐sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa. 51 Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Faic an càrn seo, agus faic an carragh seo, a shuidhich mi eadar mise agus thusa. 52 Biodh an càrn seo na fhianais, agus biodh an carragh seo na fhianais, nach tèid mise ad ionnsaigh‐sa thar a’ chàrn seo, agus nach tig thusa am ionnsaigh‐sa thar a’ chàrn seo, agus a’ charragh seo, gu cron. 53 Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac. 54 An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh. 55 Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society