Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Sàrai a’ toirt Hàgair a banoglaich a dh’Abram mar mhnaoi. 4 Nuair a rinn i tàir air a bana‑mhaighstir, bhuin ise gu cruaidh rithe, agus theich i air falbh. 9 Thug aingeal an Tighearna air a h‑ais i, etc.

1 A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Èiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar.

2 Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha‐se. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai.

3 Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan‐Èiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi.

4 Agus chaidh esan a‑steach gu Hàgar, agus dh’fhàs i torrach: agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha a bana‑mhaighistir tàireil na sùilean.

5 Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa.

6 Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.

7 Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur.

8 Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana‑mhaighistir.

9 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana‑mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh.

10 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e a‑thaobh lìonmhorachd.

11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.

12 Agus bidh e na dhuine fiadhaich; bidh a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh‐san; agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnaidh.

13 Agus ghoir i ainm an Tighearna a labhair rithe, Thusa Dhè a tha gam fhaicinn; oir thubhairt i, An e gu robh agamsa ann an seo mar an ceudna sùil ris an Tì sin a tha gam fhaicinn?

14 Uime sin ghoir i den tobar, Beerlahai‐roi; feuch, tha e eadar Cadeis agus Bered.

15 Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar aimn air a mhac, a rug Hàgar.

16 Agus bha Abram ceithir‐fichead agus sia bliadhna a dh’aois, nuair a rug Hàgar Ismael do Abram.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan