Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Galàtianach 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’iarr Pòl air na Galàtianaich buntainn gu sèimh ri bràthair a thuislich, 2 agus uallach a chèile a ghiùlan, 6 a bhith tabhartach dhan luchd‐teagaisg, 9 agus gun sgìtheachadh de mhaith a dhèanamh: 12 nochd e ciod a tha iadsan a tha a’ searmonachadh an timcheall‐ghearraidh ag iarraidh.

1 A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.

2 Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaibh lagh Chrìosd.

3 Oir ma shaoileas duine gur nì‑eigin e fhèin, gun a bhith ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin.

4 Ach dearbhadh gach neach a obair fhèin, agus an sin bidh adhbhar gàirdeachais aige da thaobh fhèin a‑mhàin, agus chan ann a‑thaobh neach eile.

5 Oir giùlainidh gach neach a uallach fhèin.

6 Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha.

7 Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol‐chuireas duine, an nì ceudna buainidh e.

8 Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.

9 Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

10 Uime sin a rèir mar a tha cothrom againn, dèanamaid math do na h‑uile dhaoine, ach gu h‑àraidh dhaibh‐san a tha de theaghlach a’ chreidimh.

11 Tha sibh a’ faicinn meud na litreach a sgrìobh mi dhuibh lem làimh fhèin.

12 A mheud lem miann iad fhèin a thaisbeanadh gu sgiamhach anns an fheòil, tha iad gur n‑èigneachadh gu bhith air ur timcheall‐ghearradh; a‑mhàin a‑chum nach dèante geur‐leanmhainn orra airson crann‐ceusaidh Chrìosd.

13 Oir chan eil iadsan fhèin a tha air an timcheall‐ghearradh a’ coimhead an lagha: ach is àill leo sibhse a bhith air ur timcheall‐ghearradh, a‑chum is gun dèan iad uaill nur feòil.

14 Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn‐sa uaill ach ann an crann‐ceusaidh ar Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t‑saoghal.

15 Oir ann an Iosa Crìosd chan eil èifeachd air bith ann an timcheall‐ghearradh, no ann an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an cruthachadh nuadh.

16 Agus a mheud is a shiùbhlas a rèir na riaghailt seo, sìth orra, agus tròcair, agus air Israel Dhè.

17 O seo a‑mach na cuireadh neach sam bith dragh orm; oir tha mi a’ giùlan comharraidhean an Tighearna Iosa ann am chorp.

18 A bhràithrean, gu robh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd maille ri ur spiorad. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan