Esteir 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Rinn Mordecai agus na h‑Iùdhaich bròn airson àithne an rìgh dan taobh. 4 Thugadh fios do Ester air an nì seo, agus chomhairlicheadh dhi eadar‐ghuidhe a dhèanamh airson nan Iùdhach. 15 Ghairm i trasgadh. 1 Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac‐aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh. 2 Agus thàinig e eadhon fa chomhair geata an rìgh: oir chan fhaodadh neach air bith dol a‑steach do gheata an rìgh le sac‐aodach air. 3 Agus anns gach uile mhòr‐roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac‐aodach agus an luaithre. 4 Agus thàinig maighdeannan Esteir agus a caillteanaich, agus dh’innis iad sin dhi. Agus bha a’ bhànrighinn ro‑dhoilgheasach, agus chuir i aodach gu bhith air a chur air Mordecai, agus gun tugadh a aodach‐saic dheth: ach cha ghabhadh esan e. 5 An sin ghoir Ester air Hatach, aon de chaillteanaich an rìgh, don d’òrdaich e feitheamh oirre, agus thug i àithne dha gu Mordecai, gum faigheadh e fios ciod e seo, agus carson seo. 6 Agus chaidh Hatach a‑mach a dh’ionnsaigh Mhordecai, gu sràid a’ bhaile, a bha fa chomhair geata an rìgh. 7 Agus dh’innis Mordecai dha gach nì a thachair dha, agus an t‑suim airgid a gheall Hàman a thomhas a‑steach do ionmhasan an rìgh airson nan Iùdhach, a‑chum an sgrios. 8 Agus thug e dha dùblachadh sgrìobhadh an òrdaigh, a thugadh ann an Susan gus an sgrios, a‑chum a fheuchainn do Ester, agus a chur an cèill dhi, agus a dh’àithneadh dhi gun rachadh i a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, a dh’aslachadh air, agus a ghuidhe air as leth a sluaigh. 9 Agus thàinig Hatach, agus dh’innis e do Ester briathran Mhordecai. 10 Agus labhair Ester ri Hatach, agus thug i àithne dha gu Mordecai: 11 Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr‐roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat‐òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich‐là‑fichead seo. 12 Agus dh’innis iad do Mhordecai briathran Esteir. 13 Agus dh’àithn Mordecai freagradh a thoirt do Ester, Na smaoinich agad fhèin gun tèid thu as ann an taigh an rìgh nas mo na na h‑Iùdhaich uile: 14 Oir ma bhios tusa gu tur ad thosd anns an àm seo, thig lasachadh agus saorsa do na h‑Iùdhaich o àit eile; ach sgriosar thusa agus taigh d’athar: agus cò aig a bheil fhios nach ann airson a leithid seo de àm a thàinig thu don rìoghachd? 15 An sin dh’iarr Ester am freagradh seo a thoirt do Mhordecai: 16 Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon‐sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam. 17 Agus dh’imich Mordecai, agus rinn e a rèir gach nì a dh’àithn Ester dha. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society