Esteir 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chomhairlich òglaich an rìgh dha bànrighinn eile iarraidh ann an àite Bhasti. 5 Dh’àraich Mordecai Ester. 15 Thaitinn Ester ri Ahasuerus, agus rinneadh i na bànrighinn. 1 An dèidh nan nithean sin, nuair a thraogh fearg an rìgh Ahasueruis, chuimhnich e air Bhasti, agus na rinn i, agus na dh’àithneadh na h‑aghaidh. 2 An sin thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Iarrar don rìgh òighean òga sgiamhach: 3 Agus òrdaicheadh an rìgh luchd‐riaghlaidh ann an uile mhòr‐roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear‐gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh. 4 Agus biodh an òigh a thaitneas ris an rìgh na bànrighinn an àite Bhasti. Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus rinn e mar sin. 5 Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin, 6 A thugadh air falbh o Ierusalem leis a’ bhraighdeanas a thugadh air falbh maille ri Ieconiah rìgh Iùdah, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh. 7 Agus dh’àraich e Hadasah (b’i sin Ester), nighean bràthair a athar, oir cha robh athair no màthair aice; agus bha an òigh maiseach na cruth, agus sgiamhach na gnùis: agus nuair a dh’eug a h‑athair agus a màthair, ghabh Mordecai da ionnsaigh i mar a nighean fhèin. 8 Agus nuair a chualas àithne an rìgh agus a òrdagh, agus nuair a chruinnicheadh iomadh òigh gu Susan an lùchairt, gu bhith fo làimh Hegai, thugadh Ester mar an ceudna gu taigh an rìgh, gu bhith fo làimh Hegai, fear‐gleidhidh nam ban. 9 Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban. 10 Cha d’innis Ester a sluagh no a luchd‐dàimh: oir dh’àithn Mordecai dhi gun innse. 11 Agus gach là bha Mordecai ag imeachd fa chomhair cùirt taigh nam ban, a dh’fhiosrachadh cionnas a bha Ester, agus ciod a dh’èireadh dhi. 12 Agus nuair a thàinig àm gach òighe gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, an dèidh dhi a bhith dà‑mhìos‐dheug a rèir gnàth nam ban (oir mar sin choileanadh làithean an glanaidh, sia mìosan le ola mirr, agus sia mìosan le luibhean cùbhraidh, agus le nithean eile a‑chum glanadh nam ban), 13 An sin mar seo thàinig gach òigh a dh’ionnsaigh an rìgh: gach nì a dh’iarr i thugadh dhi gu dol a‑steach leatha à taigh nam ban gu taigh an rìgh. 14 Air feasgar chaidh i a‑steach, agus anns a’ mhadainn thill i gu dara taigh nam ban, fo làimh Shaasgais, caillteanach an rìgh, fear‐gleidhidh nan coileabach: cha tàinig i a‑steach tuilleadh a dh’ionnsaigh an rìgh, mura do ghabh an rìgh tlachd dhi, agus gun do ghairmeadh i air a h‑ainm. 15 Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair‐athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear‐gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean‐math nan sùilean‐san uile a dh’amhairc oirre. 16 Agus thugadh Ester a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, a dh’ionnsaigh a thaighe rìoghail, anns an deicheamh mìos (is e sin mìos Thebeit) anns an t‑seachdamh bliadhna de a rìoghachadh. 17 Agus ghràdhaich an rìgh Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean‐math agus coibhneas na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e na bànrighinn i an àite Bhasti. 18 An sin rinn an rìgh fleadh mòr da uachdarain uile agus da sheirbhisich, fleadh Esteir: agus thug e saorsa do na mòr‐roinnean, agus thug e seachad tìodhlacan, mar a bu chubhaidh don rìgh. 19 Agus nuair a chruinnicheadh na h‑òighean an dara uair, an sin shuidh Mordecai ann an geata an rìgh. 20 Cha d’innis Ester fhathast a luchd‐dàimh no a sluagh, mar a dh’àithn Mordecai dhi; oir rinn Ester iarrtas Mhordecai, mar a rinn i nuair a dh’àraicheadh i maille ris. 21 Anns na làithean sin, nuair a bha Mordecai na shuidhe ann an geata an rìgh, bha fearg air Bigtan agus Teres, dithis de chaillteanaich an rìgh, dhiubhsan a bha a’ coimhead an dorais, agus dh’iarr iad làmh a chur anns an rìgh Ahasuerus. 22 Agus fhuair Mordecai fios air an nì sin, agus dh’innis e e do Ester a’ bhànrighinn; agus dh’innis Ester e don rìgh ann an ainm Mhordecai. 23 Agus rannsaicheadh an nì, agus fhuaireadh a‑mach e, agus chrochadh suas iad le chèile air crann: agus sgrìobhadh e ann an leabhar nan eachdraidh am fianais an rìgh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society