Esteir 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Rinn Ahasuerus cuirm da uachdarain agus da sheirbhisich. 10 Dhiùlt Bhasti teachd an làthair an rìgh nuair a chuir e fios oirre. 16 Le comhairle Mhemucain chuir an rìgh air falbh Bhasti. 1 A‑nis ann an làithean Ahasueruis, (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd‐ar‑fhichead mòr‐roinn;) 2 Anns na làithean sin, nuair a shuidh rìgh Ahasuerus air rìgh‐chathair a rìoghachd, a bha ann an Susan an lùchairt; 3 Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd‐uaislean agus uachdarain nam mòr‐roinn na làthair; 4 Nuair a nochd e saoibhreas a rìoghachd ghlòrmhoir, agus urram a mhòrachd òirdheirc, rè ceud agus ceithir‐fichead là. 5 Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, rinn an rìgh don t‑sluagh uile a bha an làthair ann an Susan an lùchairt, eadar mhòr agus bheag, cuirm sheachd làithean, ann an cùirt lios taigh an rìgh. 6 Bha na cùirteanan geal, uaine, agus gorm air an crochadh le còrdan de anart grinn agus de chorcar, air failbheagan airgid, agus puist mharmoir: na leapaichean de òr agus de airgead, air leac‐ùrlar de mharmor dearg, agus gorm, agus geal, agus dubh. 7 Agus thug iad deoch seachad ann an soithichean òir, agus na soithichean eu‑cosmhail ri chèile, agus fìon rìoghail ann am pailteas, mar a thigeadh don rìgh. 8 Agus bha an t‑òl a rèir an lagha, gun neach ann a cho‐èignicheadh; oir mar sin dh’àithn an rìgh do uile dhaoine mòra a thaighe, gun dèanadh iad mar a b’àill leis gach duine. 9 Mar an ceudna rinn Bhasti a’ bhànrighinn fleadh do na mnathan anns an taigh rìoghail a bhuineadh do rìgh Ahasuerus. 10 Air an t‑seachdamh là, nuair a bha cridhe an rìgh subhach le fìon, dh’àithn e do Mhehuman, do Bhista, do Harbona, do Bhigta, agus do Abagta, do Shetar, agus do Charcas, na seachd caillteanaich a fhritheil ann an làthair an rìgh Ahasueruis, 11 Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre. 12 Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth. 13 An sin thubhairt an rìgh ris na daoine glice, dom b’aithne na h‑aimsirean, (oir b’e sin gnàth an rìgh dan taobhsan uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas: 14 Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd), 15 A rèir an lagha ciod a nì sinn ris a’ bhànrighinn Bhasti, a chionn nach do rinn i iarrtas an rìgh Ahasueruis le làimh nan caillteanach? 16 Agus thubhairt Memucan an làthair an rìgh agus nan uachdaran, Chan ann air an rìgh a‑mhàin a rinn Bhasti a’ bhànrighinn eucoir, ach mar an ceudna air na h‑uachdarain uile, agus air an t‑sluagh uile, a tha ann an uile mhòr‐roinnean rìgh Ahasueruis: 17 Oir thèid gnìomh na bànrighinn a‑mach a dh’ionnsaigh nam ban uile, air chor is gun dèan iad tàir air am fir nan sùilean nuair a their iad, Dh’àithn an rìgh Ahasuerus a’ bhànrighinn Bhasti a thoirt a‑steach na làthair, ach cha tàinig i. 18 Mar an ceudna air an là‑an‑diugh their ban‐tighearnan Phersia agus Mhedia, a chluinneas mu ghnìomh na bànrighinn, ri uile uachdarain an rìgh: mar seo èiridh suas pailteas tàire agus feirge. 19 Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise. 20 Agus nuair a chluinnear àithne an rìgh a bheir e seachad air feadh a rìoghachd uile (oir tha i mòr), bheir na mnathan uile urram dam fir, eadar mhòr agus bheag. 21 Agus thaitinn am facal ris an rìgh agus ra uachdarain; agus rinn an rìgh a rèir facal Mhemucain: 22 Agus chuir e litrichean a dh’ionnsaigh uile mhòr‐roinnean an rìgh, a dh’ionnsaigh gach mòr‐roinne a rèir a sgrìobhaidh, agus a dh’ionnsaigh gach sluaigh a rèir an cànain, gum biodh gach fear na uachdaran na thaigh fhèin; agus gum biodh seo air fhoillseachadh a rèir cànan gach sluaigh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society