Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esra 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ginealach Esra o Aaron. 6 Chaidh Esra suas o Bhàbilon gu Ierusalem. 11 Dùblachadh na litireach a thug Artacsercses dha. 27 Bheannaich Esra Dia.

1 Agus an dèidh nan nithean sin, ri linn Artacsercseis rìgh Phersia, chaidh Esra mac Sheraiah, mhic Asariah, mhic Hilciah,

2 Mhic Shaluim, mhic Shadoic, mhic Ahituib,

3 Mhic Amariah, mhic Asariah, mhic Iohanain, mhic Asariah, [mhic Ahimaais, mhic Shadoic, mhic Ahituib, mhic Amariah,] mhic Mheraoit,

4 Mhic Sheraiah, mhic Udsi, mhic Bhuci.

5 Mhic Abisua, mhic Phinehais, mhic Eleàsair, mhic Aaroin an t‑àrd‐shagart:

6 Chaidh Esra seo suas o Bhàbilon, agus e na sgrìobhaiche deas ann an lagh Mhaois, a thug an Tighearna, Dia Israeil, seachad: agus thug an rìgh dha a iarrtas uile, a chionn gu robh làmh an Tighearna a Dhia air.

7 Agus chaidh cuid de chloinn Israeil, agus de na sagartan, agus de na Lèbhithich, agus den luchd‐seinn, agus de na dorsairean, agus de na Netinich, suas gu Ierusalem, anns an t‑seachdamh bliadhna de Artacsercses an rìgh.

8 Agus thàinig e gu Ierusalem anns a’ chòigeamh mìos, a bha anns an t‑seachdamh bliadhna den rìgh.

9 Oir air a’ chiad là den chiad mhìos thòisich e air dol suas o Bhàbilon, agus air a’ chiad là den chòigeamh mìos thàinig e gu Ierusalem, a chionn gu robh làmh mhath a Dhè air.

10 Oir dh’ullaich Esra a chridhe a dh’iarraidh lagh an Tighearna, agus ga dhèanamh, agus a theagasg ann an Israel reachdan agus bhreitheanas.

11 Agus is e seo dùblachadh na litreach a thug rìgh Artacsercses do Esra an sagart, an sgrìobhaiche, sgrìobhaiche briathran àitheantan an Tighearna, agus a reachdan do Israel:

12 Artacsercses rìgh nan rìghrean, gu Esra an sagart, sgrìobhaiche lagh Dia nan nèamh, gach uile shìth, agus na leithid seo de àm.

13 Tha mi a’ toirt òrdaigh, iadsan uile ann am rìoghachd de shluagh Israeil, agus de a shagartan, agus de a Lèbhithich, leis an àill triall do Ierusalem, gun tèid iad maille riutsa:

14 A‑thaobh gun do chuireadh thu leis an rìgh, agus le a sheachd comhairlichean, a dh’fhiosrachadh mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim, a rèir lagh do Dhè a tha ann ad làimh;

15 Agus a thoirt leat an airgid agus an òir, a thug a rìgh agus a chomhairlichean den toil fhèin do Dhia Israeil, aig a bheil àite‐còmhnaidh ann an Ierusalem:

16 Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr‐roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor‐thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor‐thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem:

17 A‑chum gun ceannaich thu air ball leis an airgead seo tairbh òga, reitheachan, uain, agus an tabhartasan‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, agus gun ìobair thu iad air altair taigh ur Dè a tha ann an Ierusalem:

18 Agus ge bè nì as math leat fhèin agus led bhràithrean a dhèanamh leis a’ chuid eile den airgead agus den òr, a rèir toil ur Dè, dèanaibh.

19 Na soithichean mar an ceudna a tha air an tabhairt dhut, airson seirbhis taigh do Dhè, thoir seachad am fianais Dia Ierusaleim.

20 Agus ge bè nì tuilleadh a bhios feumail airson taigh do Dhè, a chì thu adhbhar air a bhuileachadh, builich e à taigh‐ionmhais an rìgh.

21 Agus tha mise, mise fhèin Artacsercses an rìgh, a’ toirt òrdaigh do uile luchd‐coimhead an ionmhais a tha air an taobh thall den abhainn, ge bè nì a dh’iarras Esra an sagart, sgrìobhaiche lagh Dia nan nèamh, oirbh, gun dèanar air ball e;

22 Gu ruig ceud tàlann airgid, agus gu ruig ceud tomhas cruithneachd, agus gu ruig ceud bat fìona, agus gu ruig ceud bat ola, agus salann gun àireamh.

23 Gach nì a tha a rèir àithne Dia nan nèamh, dèanar gu cùramach e do thaigh Dia nan nèamh, air eagal gum bi fearg an aghaidh rìoghachd an rìgh agus a mhac.

24 Mar an ceudna tha sinn a’ toirt fios dhuibh a‑thaobh nan sagart uile agus nan Lèbhitheach, an luchd‐seinn, nan dorsairean, nan Netineach, no seirbhisich taigh seo Dhè, nach faodar cìs, càin, no cuspann a chur orra.

25 Agus suidhich thusa, Esra, a rèir gliocas do Dhè, a tha ann ad làimh, uachdarain agus britheamhan, a bheir breith air an t‑sluagh uile a tha air an taobh thall den abhainn, orrasan uile don aithne laghan do Dhè; agus teagaisgibh iadsan do nach aithne iad.

26 Agus gach neach nach dèan a rèir lagh do Dhè agus lagh an rìgh, dèanar breitheanas air ball air, mas ann a‑chum bàis, no a‑chum fògraidh, no a‑chum ùnlaigh, no a‑chum prìosain.

27 Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, a chuir mar seo ann an cridhe an rìgh, a dhèanamh maiseach taigh an Tighearna, a tha ann an Ierusalem;

28 Agus a fhuair tròcair dhòmhsa am fianais an rìgh agus a chomhairleach, agus am fianais uile uachdarain chumhachdach an rìgh: agus neartaicheadh mi a chionn gu robh làmh an Tighearna mo Dhè orm: agus chruinnich mi à Israel daoine taghte gu dol suas maille rium.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan