Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esra 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Le brosnachadh Hagai thòisich Serubabel agus Iesua air taigh Dhè a thogail. 3 Dh’fheuch Tatnai agus Setar‐bosnai rim bacadh: 5 thugadh a’ chùis a dh’ionnsaidh Dhariuis.

1 Ach rinn Hagai am fàidh, agus Sechariah mac Ido am fàidh, fàidheadaireachd do na h‑Iùdhaich a bha ann an Iùdah agus ann an Ierusalem, fàidheadaireachd dhaibh ann an ainm an Tighearna, Dia Israeil.

2 An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.

3 Anns an àm sin fhèin thàinig dan ionnsaigh Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, agus Setarbosnai, agus an cuideachd, agus mar seo thubhairt iad riu, Cò a thug òrdagh dhuibhse an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a dhèanamh suas?

4 An sin thubhairt iad riu air an dòigh seo, Cia ainm a tha air na daoine a tha a’ togail na h‑aitreibh seo?

5 Ach bha sùil an Dè air seanairean nan Iùdhach, agus cha tug iad orra sgur, gus an tàinig a’ chùis a dh’ionnsaigh Dhariuis; agus an sin thugadh freagradh le litir mu thimcheall seo.

6 Dùblachadh na litreach a chuir Tatnai, an t‑uchadaran air an taobh seo den abhainn, agus Setar‐bosnai agus a chuideachd, na h‑Arphasachaich, a bha air an taobh seo den abhainn, a dh’ionnsaigh Dhariuis an rìgh:

7 Chuir iad litir da ionnsaigh anns an robh sgrìobhte mar seo: Gu Darius an rìgh, gach uile shìochaint.

8 Biodh fios aig an rìgh gun deachaidh sinn gu mòr‐roinn Iudèa, a dh’ionnsaigh taigh an Dè mhòir, a tha ga thogail le clachan mòra, agus tha fiodh air a chur anns na ballachan, agus tha an obair seo a’ dol gu luath air a h‑aghaidh, agus a’ soirbheachadh nan làmhan.

9 An sin dh’fheòraich sinn de na seanairean sin, agus mar seo thubhairt sinn riu, Cò thug dhuibh òrdagh an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a chur suas?

10 Agus mar an ceudna dh’fheòraich sinn an ainmean dhiubh, a thoirt fios dhut, a‑chum gun sgrìobhamaid ainmean nan daoine a bha air an ceann.

11 Agus mar seo thug iad freagradh dhuinn, ag ràdh, Is sinne seirbhisich Dia nan nèamh agus na talmhainn, agus tha sinn a’ togail taighe a chaidh a thogail iomadh bliadhna roimhe seo, a thog agus a chrìochnaich rìgh mòr a bha air Israel.

12 Ach nuair a bhrosnaich ar n‑athraichean Dia nèimh gu feirg, thug e thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, an Caldèanach, a sgrios an taigh seo, agus a thug an sluagh leis do Bhàbilon.

13 Ach ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Bhàbiloin, thug rìgh Cìrus òrdagh taigh seo Dhè a thogail.

14 Agus mar an ceudna soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do theampall Bhàbiloin, iad sin thug rìgh Cìrus a‑mach à teampall Bhàbiloin, agus thugadh iad do fhear dom b’ainm Sesbadsar, a rinn e na uachdaran;

15 Agus thubhairt e ris, Gabh na soithichean seo, imich, thoir leat iad don teampall a tha ann an Ierusalem, agus biodh taigh Dhè air a thogail na àite.

16 An sin thàinig Sesbadsar sin, agus leag e bunait taigh Dhè a tha ann an Ierusalem: agus on àm sin gus a‑nis tha e ga thogail, agus chan eil e fhathast crìochnaichte.

17 A‑nis uime sin, mas math leis an rìgh, dèanar rannsachadh ann an taigh‐ionmhais an rìgh a tha ann am Bàbilon, a dh’fheuchainn an tugadh an t‑òrdagh seo le rìgh Cìrus, taigh seo Dhè a thogail ann an Ierusalem, agus cuireadh an rìgh fios dar n‑ionnsaigh ciod i a thoil a‑thaobh an nì seo.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan