Esra 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thog an sluagh altair Dhè Israeil, 4 agus thug iad seachad an ìobairt‐loisgte làthail. 10 Nuair a leagadh bunait an teampaill mhol na sagairt agus na Lèbhithich an Tighearna. 1 Agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, agus clann Israeil nam bailtean, chruinnich an sluagh an ceann a chèile mar aon duine gu Ierusalem. 2 Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean‐loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè. 3 Agus shuidhich iad an altair air a buinn, oir bha eagal orra ro shluagh nan tìrean sin; agus dh’ìobair iad ìobairtean‐loisgte don Tighearna, ìobairtean‐loisgte air madainn agus air feasgar. 4 Agus chùm iad fèill nam pàillean, mar a tha e sgrìobhte, agus dh’ìobair iad an ìobairt‐loisgte làitheil ann an àireamh, a rèir na riaghailt, a dhlighe fhèin air gach là; 5 Agus na dhèidh sin an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, araon air na gealaichean nodha, agus air uile fhèillean naomhaichte an Tighearna, agus o gach neach a thug seachad gu toileach tabhartas saor‐thoile don Tighearna. 6 On chiad là den t‑seachdamh mìos thòisich iad air ìobairt‐loisgte ìobradh don Tighearna, nuair nach do leagadh fhathast bunait teampall an Tighearna. 7 Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd‐ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia. 8 Agus anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd gu taigh Dhè aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuidheall am bràithrean, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus iadsan uile a thàinig on bhraighdeanas gu Ierusalem; agus dh’òrdaich iad na Lèbhithich, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a chur obair taigh an Tighearna air a h‑aghaidh. 9 Agus sheas Iesua, agus a mhic agus a bhràithrean, Cadmiel agus a mhic, agus mic Iùdah mar aon duine, a ghreasadh an luchd‐obrach an taigh Dhè: mic Henadaid agus am mic agus am bràithrean, na Lèbhithich. 10 Agus nuair a leag an luchd‐togail bunait teampall an Tighearna, sheas na sagartan nan culaidhean le trompaidean, agus na Lèbhithich, mic Asaiph, le ciombalan, a mholadh an Tighearna le làimh Dhaibhidh rìgh Israeil. 11 Agus fhreagair iad a chèile ann am moladh, agus ann an tabhairt buidheachais don Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, nuair a mhol iad an Tighearna, a chionn gun do leagadh bunait taigh an Tighearna. 12 Ach bha mòran de na sagartan agus de na Lèbhithich, agus de chinn nan athraichean, seann daoine a chunnaic an ciad thaigh, nuair a leagadh bunait an taighe seo fa chomhair an sùl, a’ gul le guth àrd, agus bha mòran a’ dèanamh gàir gu h‑àrd le aoibhneas: 13 Air chor is nach b’urrainn an sluagh fuaim gàir an aoibhneis aithneachadh seach fuaim gul an t‑sluaigh: oir rinn an sluagh gàir mhòr, agus chualas an fhuaim an cèin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society