Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esra 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug Sechaniah misneach do Esra, agus chomhairlich e na mnathan coimheach a chur air falbh. 7 Chruinnicheadh an sluagh gu Ierusalem, 9 agus dh’aidich iad am peacaidhean. 18 Àireamh na muinntir a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach.

1 A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.

2 Agus labhair Sechaniah mac Iehieil, aon de mhic Elaim, agus thubhairt e ri Esra, Pheacaich sinn an aghaidh ar Dè, agus ghabh sinn dar n‑ionnsaigh mnathan coimheach de shluagh na tìre: ach a‑nis tha dòchas ann an Israel a‑thaobh an nì seo.

3 A‑nis uime sin dèanamaid coicheangal ri ar Dia, na mnathan uile a chur uainn, agus iadsan a rugadh leo, a rèir comhairle mo thighearna, agus na muinntir a chriothnaicheas ri àithne ar Dè, agus dèanar a rèir an lagha.

4 Eirich; oir dhutsa buinidh an nì seo, agus bidh sinne maille riut: gabh misneach, agus dèan e.

5 Agus dh’èirich Esra, agus thug e air na h‑àrd‐shagartan, na Lèbhithich, agus Israel uile mionnachadh gun dèanadh iad a rèir an fhacail seo; agus mhionnaich iad.

6 An sin dh’èirich Esra o làthair taigh Dhè, agus chaidh e do sheòmar Iohanain, mhic Eliasib: agus nuair a thàinig e an sin, cha d’ith e aran, agus cha d’òl e uisge; oir rinn e bròn airson cionta na muinntir a thugadh air falbh.

7 Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim do uile chloinn a’ bhraighdeanais, iad a chruinneachadh ri chèile gu Ierusalem:

8 Agus ge bè neach nach tigeadh an ceann trì làithean, a rèir comhairle nan uachdaran agus nan seanair, gun tugte uaithe a mhaoin uile, agus gum biodh e fhèin air a dhealachadh o cho‐chruinneachadh na muinntir a thugadh air falbh.

9 Agus chruinnicheadh fir Iùdah agus Bheniàmin uile gu Ierusalem an ceann trì làithean: bha e anns an naoidheamh mìos, air an fhicheadamh là den mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid taigh Dhè, air chrith airson an nì seo, agus airson an uisge mhòir.

10 Agus dh’èirich Esra an sagart, agus thubhairt e riu, Pheacaich sibh, agus ghabh sibh dhuibh fhèin mnathan coimheach a mheudachadh peacadh Israeil.

11 A‑nis, matà, dèanaibh aidmheil don Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus coileanaibh a thoil; agus dealaichibh sibh fhèin o shluagh na tìre, agus o na mnathan coimheach.

12 Agus fhreagair an coitheanal uile, agus thubhairt iad le guth àrd, Mar sin, a rèir d’fhacail, tha e ceangailte oirnne a dhèanamh.

13 Ach tha an sluagh lìonmhor, agus is àm mòr‐uisge e, agus chan urrainn sinn seasamh a‑muigh, agus chan obair aon là no dà seo: oir tha sinn lìonmhor a pheacaich anns an nì seo.

14 Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.

15 Sheas a‑mhàin Ionatan mac Asaheil, agus Iahasiah mac Thichbah, airson seo: agus chuidich Mesulam agus Sabetai an Lèbhitheach leo.

16 Agus rinn clann a’ bhraighdeanais mar sin: agus dhealaicheadh Esra an sagart, agus cinn àraidh nan athraichean a rèir taigh an athraichean, agus iad uile a rèir an ainmean, agus shuidh iad sìos air a’ chiad là den deicheamh mìos a rannsachadh na cùise.

17 Agus chrìochnaich iad a‑thaobh nan daoine uile a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, air a’ chiad là den chiad mhìos.

18 Agus am measg mic nan sagart fhuaireadh a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach: De mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus a bhràithrean: Maaseiah, agus Elièser, agus Iarib, agus Gedaliah.

19 Agus thug iad an làmhan gun cuireadh iad uapa am mnathan: agus air dhaibh a bhith ciontach, thug iad reithe den treud airson an cionta.

20 Agus de mhic Imeir: Hanani, agus Sebadiah.

21 Agus de mhic Harim: Maaseiah, agus Eliah, agus Semaiah, agus Iehiel, agus Udsiah.

22 Agus de mhic Phasuir: Elioenai, Maaseiah, Ismael, Netaneel, Iosabad, agus Elasah.

23 Agus de na Lèbhithich: Iosabad, agus Simei, agus Celaiah (is e sin Celita), Petahiah, Iùdah agus Elièser.

24 Agus den luchd‐seinn: Eliasib: agus de na dorsairean; Salum agus Telem, agus Uri.

25 Agus de Israel: De mhic Pharois: Ramaiah, agus Iesiah, agus Malchiah, agus Miamin, agus Eliàser, agus Malchiah, agus Benaiah.

26 Agus de mhic Elaim: Mataniah, Sechariah, agus Iehiel, agus Abdi, agus Ierimot, agus Eliah.

27 Agus de mhic Shatu: Elioenai, Eliasib, Mataniah, agus Ieremot, agus Sabad, agus Asisa.

28 Agus de mhic Bhebai: Iehohanan, Hananiah, Sabai, agus Atlai.

29 Agus de mhic Bhani: Mesulam, Maluch, agus Adaiah, Iasub, agus Seal, agus Ramot.

30 Agus de mhic Phahat‐mhòaib: Adna, agus Chelal, Benaiah, Maaseiah, Mataniah, Besalil, agus Binui, agus Manaseh.

31 Agus de mhic Harim: Elièser, Isiah, Malchiah, Semaiah, Simeon,

32 Beniàmin, Maluch, agus Semariah.

33 De mhic Hasuim: Matenai, Matatah, Sabad, Eliphelet, Ieremai, Manaseh, agus Simei.

34 De mhic Bhani: Maadai, Amram, agus Uel,

35 Benaiah, Bedaiah, Cheluh,

36 Bhaniah, Meremot, Eliasib,

37 Mataniah, Matenai, agus Iaasau,

38 Agus Bani, agus Binui, Simei,

39 Agus Selemiah, agus Nàtan, agus Adaiah,

40 Machnadebai, Sasai, Sàrai,

41 Asareel, agus Selemiah, Samariah,

42 Salum, Amariah, agus Iòseph.

43 De mhic Nebo: Ieiel, Matitiah, Sabad, Sebina, Iadau, agus Ioel, Benaiah.

44 Ghabh iad sin uile dhaibh fhèin mnathan coimheach: agus aig cuid dhiubh bha mnathan ris an robh clann aca.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan