Esra 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’òrdaich Cìrus an teampall a thogail. 7 Dh’aisig e soithichean taighe an Tighearna do Shesbadsar uachdaran Iùdah. 9 Àireamh nan soithichean. 1 A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh, 2 Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah. 3 Ge bè neach a tha nur measg‐se de a shluagh uile, gu robh a Dhia maille ris, agus rachadh e suas gu Ierusalem a tha ann an Iùdah, agus togadh e taigh an Tighearna, Dia Israeil; is esan an Dia, a tha ann an Ierusalem. 4 Agus ge bè neach a dh’fhàgadh ann an àite sam bith far a bheil e air chuairt, cuidicheadh daoine a àite leis le airgead, agus le òr, agus le maoin, agus le ainmhidhean a thuilleadh air an tabhartas saor‐thoile airson taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. 5 An sin dh’èirich cinn athraichean Iùdah agus Bheniàmin, agus na sagartan agus Lèbhithich, gach neach aig an do dhùisg Dia a spiorad gu dol suas a thogail taigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem. 6 Agus neartaich iadsan uile a bha mun cuairt dhaibh an làmhan le soithichean airgid, le òr, le maoin, agus le ainmhidhean, agus le nithean luachmhor, a thuilleadh air gach nì a thugadh seachad le saor‐thoil. 7 Thug mar an ceudna an rìgh Cìrus a‑mach soithichean taigh an Tighearna, a thug Nebuchadnesar a‑mach à Ierusalem, agus a chuir e ann an taigh a dhiathan: 8 Eadhon iad sin thug Cìrus rìgh Phersia a‑mach le làimh Mhitredait, fear‐gleidhidh an ionmhais, agus rinn e an àireamh do Shesbadsar uachdaran Iùdah. 9 Agus is e seo an àireamh: Deich‐cuachan‐fichead òir, mìle cuach airgid, naoi‐sgeanan‐fichead, 10 Deich‐ar‑fhichead soitheach‐ionnlaid òir, ceithir cheud agus deich soithichean airgid den dara seòrsa, mìle de shoithichean eile. 11 Na soithichean òir agus airgid uile, còig mìle agus ceithir cheud; iad sin uile thug Sesbadsar suas maille ris na braighdean, a thugadh suas o Bhàbilon gu Ierusalem. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society