Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ann an taisbeanadh chunnaic am fàidh seisear fhear, agus air gach aon diubh inneal‐sgrios. 4 Dh’òrdaicheadh iadsan a bha ag osnaich airson an gràinealachdan a chomharrachadh, 5 agus càch a sgrios.

1 Ghlaodh e fòs ann am chluasan le guth àrd, ag ràdh, Thoir air uachdarain a’ bhaile teachd am fagas, eadhon gach duine le arm‐sgriosaidh na làimh.

2 Agus, feuch, thàinig seisear fhear o shlighe a’ gheata as àirde, a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus aig gach fear inneal‐sgrios fhèin na làimh: agus bha aon fhear nam measg air èideadh le lìon‐aodach, agus acfhainn‐sgrìobhaidh clèirich air a leis, agus chaidh iad a‑steach, agus sheas iad ri taobh na h‑altarach umha.

3 Agus dh’èirich glòir Dia Israeil suas bhàrr a’ cheruib air an robh e gu stairsneach an taighe; agus ghlaodh e ris an duine a bha air èideadh leis an lìon‐aodach, aig an robh an acfhainn‐sgrìobhaidh clèirich ra thaobh;

4 Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

5 Agus ri càch thubhairt e ann am èisdeachd, Rachaibh‐se na dhèidh‐san tron bhaile, agus buailibh: na coigleadh ur sùil, cha mhò a bhios truas agaibh.

6 Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh‐ionad‐sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe.

7 Agus thubhairt e riu, Truaillibh an taigh, agus lìonaibh na cùirtean leis na mairbh; rachaibh a‑mach: agus chaidh iad a‑mach, agus mharbh iad anns a’ bhaile.

8 Agus thàrladh tràth bha iad gam marbhadh, agus a bha mise air m’fhàgail, gun do thuit mi air m’aghaidh, agus ghlaodh mi, ag ràdh, Ah! a Thighearna Dhè, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dòrtadh a‑mach do dhian‐chorraich air Ierusalem?

9 An sin thubhairt e rium, Tha aingidheachd taigh Israeil agus Iùdah ro‑mhòr, agus tha am fearann làn fala, agus am baile làn ceannairc: oir tha iad ag ràdh, Thrèig an Tighearna an talamh, agus chan eil an Tighearna a’ faicinn.

10 Agus air mo shon‐sa mar an ceudna, cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam; dìolaidh mi an slighe air an ceann.

11 Agus, feuch, dh’innis am fear a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach, agus aig an robh an acfhainn‐sgrìobhaidh ra thaobh, a’ chùis, ag ràdh, Rinn mi mar a dh’àithn thu dhomh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan