Eseciel 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Breitheanas Israeil airson an iodhalan. 8 Tèarnar fuigheall dhiubh. 11 Dh’òrdaicheadh don fhàidh caoidh a dhèanamh airson ghràineileachdan taighe Israeil. 1 Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, 2 A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri slèibhtean Israeil, agus dèan fàistneachd nan aghaidh. 3 Agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna Dia; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, Feuch, bheir mise, mise fhèin, claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ur n‑ionadan àrda. 4 Agus bidh ur n‑altairean fàs, agus ur dealbhan air am briseadh: agus tilgidh mise sìos ur daoine marbhte fa chomhair ur n‑iodhalan. 5 Agus leagaidh mi cuirp mharbha chloinn Israeil fa chomhair an iodhalan; agus sgapaidh mi ur cnàmhan mu thimcheall ur n‑altairean. 6 Ann ur n‑uile àiteachan‐còmhnaidh, nìthear na bailtean fàs, agus bidh ur n‑ionadan àrda faondrach, air chor is gum bi ur n‑altairean fàs agus uaigneach, agus gun tig briseadh agus cosgadh air ur n‑iodhalan, agus gun dubhar as ur n‑obraichean. 7 Agus tuitidh iadsan a bhios leònte nur meadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna. 8 Gidheadh fàgaidh mi fuidheall, air chor is gum bi agaibh cuid a thèid as on chlaidheamh am measg nan cinneach, an tràth a bhios sibh air ur sgapadh am measg nan dùthchannan. 9 Agus cuimhnichidh a mheud dhibh is a thèid as mise, am measg nan cinneach gus an toirear iad nam braighdean, an tràth a chìosnaicheas mise an cridhe strìopachail a dhealaich rium, agus an sùilean a tha a’ dol air strìopachas an dèidh an iodhalan; agus bidh gràin aca dhiubh fhèin airson nan olc a chuir iad an gnìomh nan uile ghràinealachdan. 10 Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, agus nach ann gu dìomhain a thubhairt mi gun dèanainn an t‑olc seo orra. 11 Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buail led làimh, agus breab led chois, agus abair, Mo thruaighe! airson uile dhroch ghràinealachdan taigh Israeil; oir tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh. 12 Esan a tha fad as bàsaichidh leis a’ phlàigh; agus esan a tha dlùth tuitidh leis a’ chlaidheamh; agus esan a mhaireas, agus a tha air a shèisdeadh, bàsaichidh leis a’ ghort: mar seo coileanaidh mise mo chorraich orra. 13 An sin bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna, an tràth a bhios an daoine marbhte, am measg an iodhalan, mun cuairt air an altairean, air gach aon chnoc àrd, air uile mhullaichean nan sliabh, agus fo gach uile chrann uaine, agus fo gach daraig gheugaich; an t‑àite anns an tug iad boltrach cùbhraidh don uile iodhalan. 14 Mar sin sìnidh mise a‑mach mo làmh orra, agus nì mi am fearann fàs, seadh, nas uaigniche na fàsach Dhiblait, nan uile ionadan‐còmhnaidh; agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society