Eseciel 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Le samhladh ealtainn bearradair nochdadh breitheanais Dhè an aghaidh Ierusaleim, 12 le plàigh, le gorta, le claidheamh, agus le sgapadh. 1 Agus thusa, a mhic an duine, gabh thugad sgian gheur, gabh thugad ealtainn bearradair, agus thoir oirre siubhal air do cheann, agus air d’fheusaig; an sin gabh meidh‐thomhais, agus roinn am falt. 2 Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tràth bhios làithean an t‑sèisdidh air an coileanadh; agus gabhaidh tu trian, agus buailidh tu ma thimcheall le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tàirngidh mise a‑mach claidheamh nan dèidh. 3 Gabhaidh tu mar an ceudna dhiubh beagan ann an àireamh, agus ceanglaidh tu iad ann ad sgiobaill. 4 An sin gabh dhiubh a‑rìs, agus tilg iad ann am meadhon an teine, agus loisg iad anns an teine; as a sin thig teine a‑mach gu taigh Israeil uile. 5 Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is i seo Ierusalem; chuir mise i ann am meadhon nan cinneach, agus nan dùthchannan mun cuairt dhi. 6 Agus dh’atharraich i mo bhreitheanais gu aingidheachd nas mò na na cinnich; agus mo reachdan nas mò na na dùthchannan mun cuairt dhi: oir dhiùlt iad mo bhreitheanais; agus mo reachdan cha do ghluais iad annta. 7 Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun d’fhàs sibh lìonmhor seach na cinnich mun cuairt dhuibh, agus nach do ghluais sibh ann am reachdan‐sa, cha mhò a choimhead sibh mo bhreitheanais, cha mhò a rinn sibh eadhon a rèir breitheanas nan cinneach mun cuairt dhuibh; 8 Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise, eadhon mise ad aghaidh, agus nì mi breitheanais ann ad mheadhon, ann an sealladh nan cinneach. 9 Agus nì mi annad an nì sin nach do rinn mi, agus nach dèan mi nas mò nì cosmhail ris, airson d’uile ghràinealachdan. 10 Uime sin ithidh na h‑athraichean am mic ann ad mheadhon, agus ithidh na mic an athraichean; agus nì mise breitheanais annad, agus sgapaidh mi an t‑iomlan ded fhuidheall ris gach uile ghaoith. 11 Air an adhbhar sin, mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn, a chionn gun do thruaill thu m’ionad naomh led uile nithean fuathach, agus led uile ghràinealachdan, uime sin lùghdaichidh mise thu mar an ceudna; agus cha choigil mo shùil, cha mhò a bhios truas air bith agam. 12 Bàsaichidh trian dhìot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mun cuairt dhut; agus sgapaidh mise trian ris na h‑uile ghaothan, agus tàirngidh mi a‑mach claidheamh nan dèidh. 13 Mar seo coileanar mo chorraich, agus bheir mi air mo dhian‐fheirg laighe orra, agus bheir mi dhomh fhèin fois: agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna a labhair ann am eud, an tràth choileanas mi orra mo dhian‐chorraich. 14 A thuilleadh air seo, nì mi dhìot fàsach agus masladh am measg nan cinneach mun cuairt dhut, ann an sealladh nan uile a thèid seachad. 15 Agus bidh tu ann ad mhasladh, agus ann ad mhagadh, ann ad theagasg, agus ann ad uamhas, do na cinnich mun cuairt dhut, an tràth nì mise breitheanais annad, ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an garg achmhasain: mise Iehòbhah labhair e. 16 An tràth a chuireas mi orra droch shaighdean na gorta, a bhios airson sgrios, a chuireas mise gu ur sgrios: meudaichidh mi fòs a’ ghort oirbh, agus brisidh mi lorg ur n‑arain. 17 Mar sin cuiridh mi oirbh gort, agus droch bheathaichean, agus nì iad uireasbhaidheach thu: agus siùbhlaidh plàigh agus fuil tromhad, agus bheir mi ort an claidheamh; mise Iehòbhah labhair. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society