Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 46 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Riaghailtean mu thimcheall a’ phrionnsa, 9 agus mu thimcheall an t‑sluaigh: 16 mu thimcheall thìodhlacan a’ phrionnsa dha mhic, agus dha sheirbhisich. 19 An t‑àite anns am bruich na sagairt an ìobairt‐eusaontais agus an ìobairt‐pheacaidh.

1 Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh geata na cùirte a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, druidte rè nan sia làithean obrach: ach air an t‑sàbaid bidh e fosgailte, agus air là na rè nuaidh bidh e fosgailte.

2 Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach air slighe sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑muigh, agus seasaidh e aig ursann a’ gheata, agus deasaichidh na sagartan a thabhartas‐loisgte, agus a thabhartasan‐sìthe, agus nì e adhradh aig stairsnich a’ gheata: an sin thèid e a‑mach, ach cha druidear an geata gu anmoch.

3 Mar an ceudna nì sluagh an fhearainn adhradh aig doras a’ gheata seo an làthair an Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha.

4 Agus is i an ìobairt‐loisgte a bheir an t‑uachdaran don Tighearna air là na sàbaid, sia uain gun ghaoid, agus reithe gun ghaoid.

5 Agus is e an tabhartas‐bìdh ephah airson reithe, agus an tabhartas‐bìdh airson nan uan mar a bhios na chomas a thoirt uaithe, agus hin ola airson ephah.

6 Agus air là na rè nuaidh bheir e tarbh òg gun ghaoid, agus sia uain, agus reithe: bidh iad gun ghaoid.

7 Agus deasaichidh e tabhartas‐bìdh, ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe: agus airson nan uan a rèir mar a bhios na chomas, agus hin ola airson ephah.

8 Agus nuair a thèid an t‑uachdaran a‑steach, thèid e a‑steach air slighe sgàth‐thaigh a’ gheata, agus thèid e a‑mach air an t‑slighe sin.

9 Ach nuair a thig muinntir an fhearainn an làthair an Tighearna anns na h‑àrd‐fhèillean, esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata thuath gu adhradh, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata dheas; agus esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata dheas, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata thuath, cha till e air slighe a’ gheata air an deachaidh e a‑steach, ach thèid e a‑mach thall fa chomhair.

10 Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach nam meadhon nuair a thèid iad a‑steach; agus nuair a thèid iad a‑mach, thèid e a‑mach.

11 Agus air na fèillean, agus air na h‑àrd‐fhèillean, is e an tabhartas‐bìdh ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe, agus airson nan uan a rèir a chomais, agus hin ola airson ephah.

12 A‑nis nuair a dheasaicheas an t‑uachdaran o a thoil fhèin ìobairt‐loisgte, no tabhartasan‐sìthe, gu toileach don Tighearna, fosglar dha an sin an geata a tha ag amharc ris an àird an ear, agus ullaichidh e ìobairt‐loisgte, agus a thabhartas‐sìth mar a rinn e air là na sàbaid: an sin thèid e a‑mach, agus an dèidh dha dol a‑mach, druidear an doras.

13 Ullaichidh tu gach là tabhartas‐loisgte don Tighearna, uan den chiad bhliadhna gun ghaoid; ullaichidh tu e gach aon mhadainn.

14 Agus ullaichidh tu tabhartas‐bìdh air a shon gach aon mhadainn, an siathamh cuid a dh’ephah, agus an treas cuid de hin ola, a‑chum a mheasgadh leis a’ mhìn‐chruithneachd; tabhartas‐bìdh a‑ghnàth, le òrdagh sìorraidh don Tighearna.

15 Mar seo ullaichidh iad an t‑uan, agus an tabhartas‐bìdh, agus an ola gach aon mhadainn, mar ìobairt‐loisgte ghnàthaichte.

16 Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ma bheir an t‑uachdaran tìodhlac do aon air bith de a mhic, bidh a shealbh sin aig a mhic; bidh a shealbh aca mar oighreachd.

17 Ach ma bheir e tìodhlac do aon de a sheirbhisich, an sin bidh e aigesan gu bliadhna na saorsa: na dhèidh sin tillidh e a‑chum an uachdarain; ach bidh oighreachd aig a mhic dhaibh fhèin.

18 A thuilleadh air seo cha ghabh an t‑uachdaran de oighreachd an t‑sluaigh le ainneart, a‑chum an tilgeadh a‑mach as an seilbh: ach bheir e da mhic oighreachd as a sheilbh fhèin: a‑chum nach bi mo shluagh‐sa air an sgapadh gach aon o a sheilbh.

19 Na dhèidh sin thug e mi tron fhosgladh, a bha aig taobh a’ gheata, gu seòmraichean naomha nan sagart, a bha ag amharc ri tuath; agus, feuch, bha àite an sin aig oisinn na h‑àird an iar.

20 An sin thubhairt e rium, Seo an t‑àite anns am bruich na sagartan an ìobairt‐easaontais, agus an ìobairt‐pheacaidh, far am fuin iad an tabhartas‐bìdh: a‑chum nach toir iad a‑mach iad gus a’ chùirt a‑muigh, gus an sluagh a naomhachadh.

21 An sin thug e a‑mach mi gus a’ chùirt a‑muigh, agus thug e orm gabhail seachad air ceithir oisnean na cùirte; agus, feuch, bha cùirt anns gach aon oisinn den chùirt.

22 Ann an ceithir oisnean na cùirte bha cùirtean ceangailte rithe, dà‑fhichead làmh‐choille air fad, agus deich‐ar‑fhichead air leud: bha na ceithir oisnean seo de aon tomhas.

23 Agus bha aca balla mun cuairt dhaibh nan ceithir, agus ionadan‐bruichidh dèante fon bhalla mun cuairt.

24 An sin thubhairt e rium, Is iad seo àiteachan na muinntir a bhruicheas, far am bruich luchd‐frithealaidh an teampaill ìobairtean an t‑sluaigh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan