Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 41 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tomhas, 6 seòmraichean, 18 ceruban, 23 agus dorsan an teampaill.

1 Na dhèidh sin thug e mi don teampall, agus thomhais e na puist, sia làmhan‐coille air leud air an aon taobh, agus sia làmhan‐coille air leud air an taobh eile, b’e seo leud gach puist.

2 Agus b’e leud an dorais deich làmhan‐coille; agus bha ursannan an dorais còig làmhan‐coille air an aon taobh, agus còig làmhan‐coille air an taobh eile: agus thomhais e a fhad, dà‑fhichead làmh‐choille, agus a leud fichead làmh‐choille.

3 An sin chaidh e gus an taobh a‑staigh, agus thomhais e post an dorais dà làmh‐choille, agus an doras fhèin sia làmhan‐coille air leud, agus air gach taobh den doras seachd làmhan‐coille.

4 Mar sin thomhais e a fhad fichead làmh‐choille, agus an leud fichead làmh‐choille, fa chomhair aghaidh an teampaill; agus thubhairt e rium, Is e seo an t‑ionad ro‑naomh.

5 Na dhèidh sin thomhais e balla an teampaill sia làmhan‐coille; agus leud gach seòmair‐thaoibh ceithir làmhan‐coille, timcheall an teampaill air gach taobh.

6 Agus bha na seòmraichean‐taoibh aon an dèidh aoin, trì‐deug ar fhichead ann an àireamh, agus bhuineadh iad don bhalla sin a bha mun cuairt air an teampall air cùl nan seòmraichean‐taoibh, bha greim aca dheth, ach cha robh greim aca ann am balla an teampaill.

7 Agus bha farsaingeachd agus sìor dhol mun cuairt an àird a‑chum nan seòmraichean‐taoibh, oir chaidh cuartachadh an taighe a‑ghnàth suas mu thimcheall an taighe: agus mar sin bha leud an taighe shuas, agus air an dòigh sin bha e a’ dol am meud on t‑seòmar ìochdarach gus an t‑aon a b’àirde aig a’ mheadhon.

8 Chunnaic mi fòs mun cuairt air an taigh, o ìochdar stèidh nan seòmraichean‐taoibh, gum b’e àirde gach aoin dhiubh slat iomlan sia làmhan‐coille mòra.

9 B’e leud a’ bhalla, a bha eadar na seòmraichean‐taoibh a‑muigh, còig làmhan‐coille; b’e sin fhad is a bha eadar na seòmraichean‐taoibh a bha ri taobh an taighe.

10 Agus eadar na seòmraichean eile bha fichead làmh‐choille air gach taobh mun cuairt don taigh.

11 Agus bha dorsan nan seòmraichean‐taoibh ris an ionad a dh’fhàgadh, aon doras ris an àird a tuath, agus doras eile ris an àird a deas; agus b’e leud an ionaid a dh’fhàgadh còig làmhan‐coille air gach taobh mun cuairt.

12 A‑nis bha an aitreabh a bha fa chomhair an àite air leth ris an àird an iar, deich agus trì‐fichead làmh‐choille air leud; agus bha balla na h‑aitreibh còig làmhan‐coille air tighead gach taobh mun cuairt; agus b’e a fhad deich agus ceithir‐fichead làmh‐choille.

13 Mar sin thomhais e an taigh ceud làmh‐choille air fad, agus an t‑àite air leth, agus an aitreabh le a ballachan, ceud làmh‐choille air fad.

14 Mar an ceudna leud aghaidh an taighe, agus an ionaid air leth ris an àird an ear, ceud làmh‐choille.

15 Agus thomhais e fad na h‑aitreibh fa chomhair an àite air leth, agus a bha air a chùlaibh, agus a sheòmraichean air an taobh seo agus air an taobh eile, ceud làmh‐choille, maille ris an teampall a‑staigh, agus ri sgàth‐thaighean na cùirte;

16 Bha puist an dorais agus na h‑uinneagan cumhang, agus na seòmraichean mun cuairt air an trì ùrlair, thall fa chomhair an dorais, falaichte le fiodh timcheall mun cuairt, agus on làr suas gu ruig na h‑uinneagan, agus bha na h‑uinneagan air an còmhdachadh;

17 Ach os cionn an dorais, agus anns an teampall a‑muigh, gus e sin a b’fhaide a‑staigh, agus air a’ bhalla uile mun cuairt den teampall a‑staigh agus a‑muigh.

18 Bha ceruban air an dèanamh, agus croinn‐phailme, air chor is gu robh crann‐pailme eadar cerub agus cerub; agus aig gach cerub bha dà aghaidh:

19 Air chor is gu robh aghaidh duine ris a’ chrann‐phailme air an aon taobh, agus aghaidh leòmhainn òig ris a’ chrann‐phailme air an taobh eile; bha seo dèante air feadh an taighe uile mun cuairt.

20 On làr gus os cionn an dorais bha ceruban air an dèanamh, agus croinn‐phailme, agus air balla an teampaill.

21 Bha puist an teampaill ceithir‐cheàrnach, agus aghaidh an ionaid naoimh air a’ chumachd cheudna.

22 Bha an altair fhiodha trì làmhan‐coille air àirde, agus dà làmh‐choille air fad; air a dèanamh ceàrnach le oisnean agus clàran fiodha: agus thubhairt e rium, Seo am bòrd a tha fa chomhair an Tighearna.

23 Agus bha dà dhoras aig an teampall agus aig an ionad naomh.

24 Agus bha dà dhuilleig aig gach doras, dà dhuilleig a’ tionndadh; dà dhuilleig airson an aon dorais, agus dà dhuilleig airson an dorais eile.

25 Agus bha ceruban agus croinn‐phailme dèante orra, air dorsan an teampaill, mar a bha dèante air na ballachan, agus bha dèileachan tiugha air aghaidh an sgàth‐thaighe a‑muigh.

26 Agus bha uinneagan cumhang agus croinn‐phailme air an aon taobh agus air an taobh eile, air taobhan an sgàth‐thaighe, agus air seòmraichean taoibh an taighe, agus air na dèileachan tiugha.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan