Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 40 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Taisbeanadh mu thimcheall cumadh na caithreach. 9 Tomhas gheatachan an sgàth‐thaighe. 27 Geatachan na cùirte staigh. 39 Na h‑ochd clàir air an do mharbhadh na h‑ìobairtean.

1 Anns a’ chòigeamh‐bliadhna‑fichead de ar bruid, ann an toiseach na bliadhna, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an ceathramh‐bliadhna‑deug an dèidh don bhaile a bhith air a bhualadh,) air a’ cheart là sin bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑chum an àite sin mi.

2 Ann an taisbeanadh Dhè thug e mi gu tìr Israeil, agus chuir e mi air sliabh ro‑àrd, làimh ris an robh amhail cumadh cathrach thall fa chomhair.

3 Agus thug e an sin mi, agus feuch, duine, agus a dhreach mar dhreach umha, le sreing lìn na làimh, agus le slait‐thomhais; agus sheas e anns a’ gheata.

4 Agus thubhairt an duine rium, A mhic an duine, faic led shùilean, agus cluinn led chluasan, agus socraich do chridhe air a h‑uile nì a dh’fheuchas mise dhut; oir is ann a‑chum gum feuchainn dhut iad a thugadh an seo thu; foillsich gach nì a chì thu do thaigh Israeil.

5 Agus, feuch, bha balla air taobh a‑muigh an taighe mun cuairt, agus ann an làimh an duine bha slat‐thomhais sia làmhan‐coille air fad, le leud boise ris gach aon làmh‐choille: mar sin thomhais e leud a’ bhalla, aon slat; agus a àirde, aon slat.

6 An sin thàinig e gus an geata a tha ag amharc ris an àird an ear, agus chaidh e suas air a cheuman, agus thomhais e stairsneach a’ gheata, aon slat air leud, agus an t‑àrd‐doras cuideachd, aon slat air leud.

7 Agus bha gach seòmar beag aon slat air fad, agus aon slat air leud, agus eadar na seòmraichean beaga bha còig làmhan‐coille, agus bha stairsneach a’ gheata, aig sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑staigh, aon slat.

8 Thomhais e mar an ceudna sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑staigh, aon slat.

9 An sin thomhais e sgàth‐thaigh a’ gheata, ochd làmhan‐coille, agus a phuist, dà làmh‐choille; agus bha sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑staigh.

10 Agus bha trì de sheòmraichean beaga geata na h‑àird an ear air an taobh seo, agus trì air an taobh eile; bha iad nan trì a dh’aon tomhas, agus bha na puist a dh’aon tomhas, air an taobh seo agus air an taobh eile.

11 Agus thomhais e leud dol a‑steach a’ gheata, deich làmhan‐coille, agus fad a’ gheata trì làmhan‐coille deug.

12 B’e an dealachadh fòs fa chomhair nan seòmraichean beaga aon làmh‐choille air an taobh seo, agus aon làmh‐choille an dealachadh air an taobh eile; agus bha na seòmraichean beaga sia làmhan‐coille air an taobh seo, agus sia làmhan‐coille air an taobh eile.

13 Thomhais e an sin an geata o mhullach aon seòmair bhig gu mullach aoin eile: b’e an leud còig làmhan‐coille fichead, doras fa chomhair dorais.

14 Thomhais e mar an ceudna puist trì‐fichead làmh‐choille, eadhon gu bhith nam puist don gheata, air gach taobh den chùirt.

15 Agus o aghaidh geata an dol a‑steach, gu aghaidh sgàth‐thaigh a’ gheata a‑staigh, bha deich agus dà‑fhichead làmh‐choille.

16 Agus bha uinneagan cumhang ris na seòmraichean beaga, agus rin aghaidh an taobh a‑staigh den gheata mun cuairt, agus mar an ceudna ris na sgàth‐thaighean; agus bha uinneagan mun cuairt air an taobh a‑staigh: agus air gach post bha croinn‐phailme.

17 An sin thug e mi don chùirt a‑staigh, agus, feuch, seòmraichean agus ùrlar dèante airson na cùirte timcheall air gach taobh: bha deich‐seòmraichean‐fichead anns an ùrlar.

18 Agus an t‑ùrlar ri taobh nan geatachan, thall fa chomhair leud nan geatachan, b’e sin an t‑ùrlar a b’ìsle.

19 An sin thomhais e an leud o aghaidh a’ gheata a b’ìsle, gu aghaidh a‑muigh na cùirte a b’fhaide steach, ceud làmh‐choille ris an àird an ear.

20 An sin thug e mi gus an taobh mu thuath, agus thomhais e fad geata na cùirte a‑muigh a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus a leud.

21 Agus b’iad a sheòmraichean beaga, trì air an taobh seo, agus trì air an taobh ud; agus bha a phuist agus a sgàth‐thaighean a rèir tomhas a’ chiad gheata; b’e deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad; agus còig làmhan‐coille ar fhichead a àirde.

22 Agus bha an uinneagan, agus an sgàth‐thaighean, agus an croinn‐phailme a rèir tomhas a’ gheata a tha ag amharc ris an àird an ear; agus chaidh iad suas da ionnsaigh le seachd ceuman; agus bha a sgàth‐thaighean fan comhair.

23 Agus bha geata na cùirte a‑staigh fa chomhair a’ gheata a tha ag amharc ris an àird a tuath, mar e sin ris an àird an ear; agus thomhais e o gheata gu geata ceud làmh‐choille.

24 An dèidh sin thug e mi air slighe na h‑àird a deas, agus, feuch, geata ris an àird a deas; agus thomhais e a phuist, agus a sgàth‐thaighean, a rèir nan tomhas ceudna.

25 Agus bha uinneagan ann, agus na sgàth‐thaighean mun cuairt air gach taobh, cosmhail ris na h‑uinneagan sin; b’e a fhad deich agus dà‑fhichead làmh‐choille, agus a leud còig làmhan‐coille ar fhichead.

26 Agus bha seachd ceuman gu dol suas thuige, agus bha a sgàth‐thaighean fa chomhair; agus bha croinn‐phailme air, aon air an taobh seo, agus aon eile air an taobh ud, air a phuist.

27 Agus bha geata anns a’ chùirt a‑staigh ri deas, agus thomhais e o gheata gu geata ri deas, ceud làmh‐choille.

28 Agus thug e mi don chùirt a‑staigh tron gheata mu dheas, agus thomhais e an geata mu dheas a rèir nan tomhas ceudna:

29 Agus a sheòmraichean beaga, agus a phuist, agus a sgàth‐thaighean, a rèir nan tomhas ceudna; agus bha uinneagan ann, agus na sgàth‐thaighean air gach taobh mun cuairt: b’e deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad, agus còig làmhan‐coille ar fhichead a leud.

30 Agus bha na sgàth‐thaighean air gach taobh mun cuairt, còig làmhan‐coille ar fhichead air fad, agus còig làmhan‐choille air leud.

31 Agus bha a sgàth‐thaighean ris a’ chùirt a‑muigh, agus croinn‐phailme air a phuist: agus bha ochd ceuman na dhol suas.

32 Agus thug e mi gus a’ chùirt a‑staigh leth ris an àird an ear, agus thomhais e an geata a rèir an tomhais seo.

33 Agus bha a sheòmraichean beaga, agus a phuist, agus a sgàth‐thaighean a rèir nan tomhas seo; agus bha uinneagan ann, agus na sgàth‐thaighean air gach taobh mun cuairt; deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad, agus còig làmhan‐coille ar fhichead a leud.

34 Agus bha a sgàth‐thaighean ris a chùirt a‑muigh, agus croinn‐phailme air a phuist air an taobh seo, agus air an taobh eile; agus bha ochd ceuman na dhol suas.

35 Agus thug e mi gus an geata tuath, agus thomhais e a rèir nan tomhas seo:

36 A sheòmraichean beaga, a phuist, agus a sgàth‐thaighean, agus a uinneagan air gach taobh mun cuairt: deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad, agus còig làmhan‐coille ar fhichead a leud.

37 Agus bha a phuist ris a’ chùirt a‑muigh, agus croinn‐phailme air a phuist air an taobh seo, agus air an taobh eile, agus na dhol suas bha ochd ceuman.

38 Agus bha na seòmraichean agus an dol a‑steach làimh ri puist nan geatachan, far an do nigh iad na tabhartasan‐loisgte.

39 Agus ann an sgàth‐thaigh a’ gheata bha dà chlàr air an taobh seo, agus dà chlàr air an taobh eile, a‑chum an ìobairt‐loisgte, agus an ìobairt‐pheacaidh, agus an ìobairt‐easaontais a mharbhadh orra.

40 Agus air an taobh a‑muigh, mar a thèid aon suas gu fosgladh a’ gheata thuath, bha dà chlàr; agus air an taobh eile, aig sgàth‐thaigh a’ gheata bha dà chlàr.

41 Bha ceithir clàir air an taobh seo, agus ceithir clàir air an taobh ud, ri taobh a’ gheata; ochd clàir, air an do mharbh iad an ìobairtean.

42 Agus bha na ceithir clàir de chloich shnaidhte airson na h‑ìobairt‐loisgte, làmh‐choille gu leth air fad, agus làmh‐choille gu leth air leud, agus aon làmh‐choille air àirde; air an do leag iad mar an ceudna an acfhainn leis an do mharbh iad an tabhartas‐loisgte agus an ìobairt.

43 Agus bha cromagan iarainn de leud boise an taobh a‑staigh, air an daingneachadh mun cuairt air gach taobh; agus air na clàran bha feòil na h‑ìobairt.

44 Agus thug e mi a‑chum a’ gheata‑staigh; agus, feuch, an sin bha dà sheòmar anns a’ chùirt a‑staigh; aon air taobh tuath a’ gheata, ag amharc ris an àird a deas, agus an t‑aon eile air taobh deas a’ gheata, ag amharc ris an àird a tuath.

45 Agus thubhairt e rium, Tha an seòmar seo a tha ag amharc ri deas airson nan sagart a tha a’ frithealadh air coimhead an taighe.

46 Agus tha an seòmar a tha ag amharc ri tuath airson nan sagart a tha a’ frithealadh air coimhead na h‑altarach: is iad seo mic Shadoic am measg mic Lèbhi, a tha a’ teachd dlùth don Tighearna a‑chum frithealadh dha.

47 Mar sin thomhais e a’ chùirt, ceud làmh‐choille air fad, agus ceud làmh‐choille air leud, ceithir‐cheàrnach; agus an altair ri aghaidh an teampaill.

48 Agus thug e mi gu sgàth‐thaigh an teampaill, agus thomhais e gach post den sgàth‐thaigh, còig làmhan‐coille air an taobh seo, agus còig làmhan‐coille air an taobh eile; agus b’e leud a’ gheata trì làmhan‐coille air an taobh seo, agus trì làmhan‐coille air an taobh eile.

49 B’e fad an sgàth‐thaighe fichead làmh‐choille, agus a leud aon làmh‐choille deug, agus anns an dol suas da ionnsaigh bha deich ceuman: agus bha pruip aig na puist, aon air an taobh seo, agus aon air an taobh eile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan