Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 29 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Breitheanas an aghaidh Phàraoh do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach ri Israel. 8 Cuirear tìr na h‑Èiphit fàs, ach cruinnichear a sluagh a‑rìs dhan dùthaich fhèin an ceann dà‑fhichead bliadhna. 17 Gheibh Nebuchadnesar an Èiphit mar thuarasdal airson a sheirbhis an aghaidh Thìruis.

1 Anns an deicheamh bliadhna, anns an deicheamh mìos, air an dara‑là‑deug den mhìos, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

2 A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus dèan fàistneachd na aghaidh‐san, agus an aghaidh na h‑Eiphit uile.

3 Labhair agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, an uabheist mhòr a tha na laighe ann am meadhon a aibhnichean fhèin, a thubhairt, Is leam fhèin m’abhainn, rinn mi air mo shon fhèin i.

4 Ach cuiridh mise dubhain ann ad ghiallan, agus bheir mi air iasg d’aibhnichean leantainn rid lannan, agus bheir mi a‑nìos thu à meadhon d’aibhnichean, agus leanaidh uile iasg d’aibhnichean rid lannan.

5 Agus trèigidh mise thu anns an fhàsach, thu fhèin agus uile iasg d’aibhnichean: tuitidh tu air na machraichean sgaoilte; cha bhi thu air do thional, no air do chruinneachadh ri chèile; thug mise thu mar bhiadh do bheathaichean na machrach, agus do eunlaith an adhair.

6 Agus aithnichidh uile luchd‐àiteachaidh na h‑Eiphit gur mise an Tighearna, a chionn gu robh iad nan luirg chuilce do thaigh Israeil.

7 Nuair a ghlac iad thu, bhris thu nan làimh, agus reub thu an gualann uile: agus nuair a leig iad an taice ort, bhris thu, agus dh’fhàg thu an leasraidh uile gun taic.

8 Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise claidheamh ort, agus gearraidh mi a‑mach asad duine agus ainmhidh.

9 Agus bidh tìr na h‑Eiphit falamh agus fàs; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna: a chionn gun dubhairt e, Is leamsa an abhainn, agus is mi a rinn i.

10 Feuch, uime sin, tha mise ann ad aghaidh, agus an aghaidh d’aibhnichean; agus nì mi tìr na h‑Eiphit gu tur fàs agus falamh, o thùr Shiene, eadhon gu iomall Etiopia.

11 Chan imich cas duine sam bith troimhpe, agus chan imich cas ainmhidh troimhpe, cha mhò a bhios i air a h‑àiteachadh rè dà‑fhichead bliadhna.

12 Agus nì mi tìr na h‑Eiphit fàs ann am meadhon nan dùthchannan a tha fàs, agus bidh a cathraichean, ann am meadhon nan cathraichean a tha falamh, air an dèanamh nam fàsach rè dà‑fhichead bliadhna: agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan.

13 Gidheadh mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, An ceann dà‑fhichead bliadhna cruinnichidh mise na h‑Eiphitich o na cinnich a‑chum an robh iad air an sgaoileadh.

14 Agus bheir mi air a h‑ais bruid nan Eiphiteach, agus bheir mi orra tilleadh gu fearann Phatrois, gu dùthaich an còmhnaidh, agus bidh iad an sin nan rìoghachd shuaraich.

15 Bidh i suarach seach gach rìoghachd, agus chan àrdaich i i fhèin nas mò am measg nan cinneach: oir lùghdaichidh mise iad, air chor is nach riaghail iad nas mò os cionn nan cinneach.

16 Agus cha bhi i nas fhaide na dòchas aig taigh Israeil, a bheir an easaontas gu cuimhne, nuair a sheallas iad nan dèidh: ach aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia.

17 Agus thàrladh anns an t‑seachdamh bliadhna fichead, anns a’ chiad mhìos, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

18 A mhic an duine, thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air a shluagh seirbhis mhòr a dhèanamh an aghaidh Thìruis: rinneadh gach ceann maol, agus gach gualann lom; gidheach cha robh tuarasdal air bith aige fhèin, no aig a shluagh, airson Thìruis, airson na seirbhis a rinn e na h‑aghaidh.

19 Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise tìr na h‑Eiphit do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh e a sluagh, agus glacaidh e a creach, agus glacaidh e a cobhartach, agus bidh sin na thuarasdal aig a shluagh.

20 Thug mise dha tìr na h‑Eiphit airson a shaothrach leis an do shaothraich e na h‑aghaidh; a chionn gun d’obraich iad air mo shon‐sa, deir an Tighearna Dia.

21 Anns an là sin bheir mi air adhairc taigh Israeil briseadh a‑mach, agus bheir mi dhutsa fosgladh a’ bheòil nam meadhon; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan