Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tuireadh airson uachdaran Israeil. 10 Le cosamhlachd fìonain air a suidheachadh anns an fhàsach nochdadh staid aonaranach Ierusaleim.

1 Os bàrr, tog thusa suas tuireadh airson uachdarain Israeil.

2 Agus abair, Ciod i do mhàthair? – leòmhann boireann: laigh i sìos am measg leòmhann, dh’altraim i a cuileanan am measg leòmhann òga.

3 Agus thog i suas aon de a cuileanan: dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine.

4 Chuala na cinnich fòs iomradh air, ghlacadh e nan sloc, agus thug iad e le slabhraidhean gu tìr na h‑Eiphit.

5 A‑nis, nuair a chunnaic i gun d’fhàs i lag, agus gun do chaill i a dòchas, an sin ghabh i aon eile de a cuileanan, agus rinn i leòmhann òg dheth.

6 Agus dh’imich e sìos agus suas am measg nan leòmhann, dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine.

7 Agus thug e fa‑near an àrois, agus chuir e fàs am bailtean; agus bha an dùthaich fo uamhas, agus an làn a bha innte, le fuaim a bheucaich.

8 An sin chruinnich na cinnich na aghaidh air gach taobh, o na mòr‐roinnean, agus sgaoil iad an lìon thairis air: ghlacadh e nan sloc.

9 Agus chuir iad e an sàs ann an slabhraidhean, agus thug iad e gu rìgh Bhàbiloin; thug iad e gu daingnichean, a‑chum nach cluinnte tuilleadh a ghuth air slèibhtean Israeil.

10 Tha do mhàthair cosmhail ri fìonain, suidhichte ri taobh nan uisgeachan; bha i torrach, agus làn de gheugan, a thaobh mòran uisgeachan.

11 Agus bha slatan làidir aice, airson slatan‐riaghlaidh nan uachdaran; agus bha a h‑àirde togte suas am measg nan tiugh‐gheugan, agus chunnacas i na h‑àirde fhèin am measg lìonmhorachd a meanglan.

12 Ach spìonadh a‑nìos i ann an corraich, thilgeadh i sìos gu làr, agus thiormaich a’ ghaoth an ear suas a meas: bhriseadh agus sheargadh a slatan làidir, loisg an teine iad.

13 Agus a‑nis tha i air a suidheachadh anns an fhàsach, ann am fearann tioram, tartmhor.

14 Agus tha teine air dol a‑mach o shlait de a geugan a loisg a meas, air chor is nach eil slat làidir air bith aice gu bhith na slait gu riaghladh. Is tuireadh seo, agus bidh e na thuireadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan