Eseciel 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 An dòigh air am buin Dia ri duine ionraic, 10 ri mac aingidh an duine ionraic, 14 agus ri mac ionraic an duine aingidh. 19 Giùlainidh gach neach aingidheachd fhèin. 21 Gheibh an t‑aingidh maitheanas na aingidheachd ma ghabhas e aithreachas. 1 Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, 2 Ciod as ciall dhuibh gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t‑sean‐fhacail seo a‑thaobh dùthaich Israeil, ag ràdh, Dh’ith na h‑athraichean dearcan searbha, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne? 3 Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha bhi adhbhar agaibh an sean‐fhacal seo a ghnàthachadh nas mò ann an Israel. 4 Feuch is leamsa na h‑uile anaman; mar as leam anam an athar, is amhlaidh is leam anam a’ mhic: an t‑anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs. 5 Ach ma bhios duine ionraic, agus gun dèan e an nì a bhios dligheach agus ceart; 6 Mura d’ith e air na slèibhtean, cha mhò a thog e suas a shùilean ri iodhalan taigh Israeil, no a thruaill e bean a choimhearsnaich, no a thàinig e dlùth do mhnaoi a chuireadh air leth; 7 Agus mura do shàraich e aon neach, ach gun tug e a gheall air ais don fheumach; mura do chreach e neach air bith le fòirneart, ach gun tug e aran don acrach, agus gun do chòmhdaich e an lomnochd le aodach; 8 Esan nach tug seachad air ocar, cha mhò a ghabh riadh, a chùm air a h‑ais a làmh o euceart, a rinn breitheanas fìor eadar duine agus duine; 9 A ghluais ann am reachdan, agus a choimhead mo bhreitheanais, gu fìrinn a chur an gnìomh; seo an duine ionraic, mairidh esan gu deimhinn beò, deir an Tighearna Dia. 10 Ma ghineas e mac a bhios na shlaighdear, agus na fhear‐dòrtaidh fala, a nì samhail aon nì dhiubh seo, 11 Agus nach dèan aon de na dleasdanais sin, ach a dh’ith eadhon air na slèibhtean, agus a thruaill bean a choimhearsnaich, 12 A shàraich am bochd agus am feumach, a chreach le fòirneart, nach tug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodhalan, a chuir an gnìomh gràinealachd, 13 A thug seachad air ocar, agus a ghabh riadh: am mair e an sin beò? Cha mhair e beò: rinn e na gràinealachdan seo uile; gheibh e gu cinnteach bàs, bidh a fhuil air fhèin. 14 Agus, feuch, ma ghineas esan mac a chì na h‑uile lochdan a rinn a athair, agus gun toir e fa‑near, agus nach dèan e an leithid; 15 Nach d’ith air na slèibhtean, cha mhò a thog e suas a shùilean ri iodhalan taigh Israeil, nach do thruaill bean a choimhearsnaich; 16 Nach do shàraich aon neach, nach do ghlèidh an geall, cha mhò a chreach le ainneart, ach a thug aran don acrach, agus a chòmhdaich an lomnochd le aodach; 17 A thog a làmh o na bochdan, nach do ghabh ocar no riadh, a rinn mo bhreitheanais, a ghluais ann am reachdan, chan fhaigh esan bàs airson aingidheachd a athar; mairidh e gu cinnteach beò. 18 A athair, a chionn gun do shàraich e gu h‑an‑iochdmhor, gun do chreach e a bhràthair le fòirneart, agus gun do rinn e an nì sin nach robh ceart am measg a shluaigh, feuch, bàsaichidh eadhon esan na aingidheachd. 19 Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Carson? Nach eil am mac a’ giùlan aingidheachd an athar? Nuair a rinn am mac an nì sin a tha dligheach agus ceart, a ghlèidh e mo reachdan‐sa uile, agus a rinn e iad, mairidh e gu cinnteach beò. 20 An t‑anam a chiontaicheas, gheibh esan bàs: cha ghiùlain am mac aingidheachd an athar, cha mhò a ghiùlaineas an t‑athair aingidheachd a’ mhic: bidh fìreantachd an fhìrein air fhèin, agus aingidheachd an aingidh air fhèin. 21 Ach ma thilleas an t‑aingidh o a uile aingidheachd a rinn e, agus gun coimhead e mo reachdan‐sa, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart, mairidh e beò, chan fhaigh e bàs. 22 A uile lochdan a chuir e an gnìomh cha bhi iad air an cuimhneachadh dha: na fhìreantachd a chuir e an gnìomh mairidh e beò. 23 A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò? 24 Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs. 25 Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. Eisdibh a‑nis, O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean‐sa cothromach? Nach eil ur slighean‐se neo‐chothromach? 26 Nuair a chlaonas am fìrean o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, agus a bhàsaicheas e innte; airson aingidheachd a rinn e, gheibh e bàs. 27 A‑rìs, nuair a thilleas an t‑aingidh air falbh o a aingidheachd a chuir e an gnìomh, agus a nì e an nì a tha dligheach agus ceart, gleidhidh e a anam beò. 28 A chionn gu bheil e a’ toirt fa‑near, agus a’ tilleadh o uile lochdan a chuir e an gnìomh, mairidh e gu cinnteach beò, chan fhaigh e bàs. 29 Gidheadh tha taigh Israeil ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean‐sa cothromach? Nach eil ur slighean‐se neo‐chothromach? 30 Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh. 31 Tilgibh uaibh ur n‑uile chionta leis an do chiontaich sibh, agus dèanaibh dhuibh fhèin cridhe nuadh, agus spiorad nuadh; oir carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil? 32 Oir chan eil tlachd agamsa ann am bàs an tì a bhàsaicheas, tha an Tighearna Dia ag ràdh: uime sin, tillibh‐se, agus mairibh beò. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society