Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Le cosamhlachd leinibh mhaoith nochdadh ciad staid Ierusaleim. 6 Gràdh Dhè da taobh. 15 A strìopachas gràineil. 35 Bhagair Dia Ierusalem le breitheanas uamhasach. 44 Thruaill sluagh Israeil iad fhèin nas mò na na cinnich a bha mun cuairt dhaibh.

1 A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

2 A mhic an duine, thoir air Ierusalem a gràinealachdan aithneachadh,

3 Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri Ierusalem, Tha do bhreith agus do dhùthchas o thìr Chanàain; b’Amorach d’athair, agus bu bhan‐Hiteach do mhàthair.

4 Agus airson do dhùthchais, anns an là anns an do rugadh thu, cha do ghearradh d’imleag, cha mhò a bha thu air do nighe ann an uisge, gud mhaothachadh: cha do chrathadh salann ort, cha mhò a bha thu air do spaoileadh.

5 Cha do ghabh sùil air bith truas dhìot, a‑chum aon nì dhiubh seo a dhèanamh dhut, a dhèanamh iochd ort; ach bha thu air do thilgeadh a‑mach anns a’ mhachair fhosgailte, le gràin dod anam, air an là anns an do rugadh thu.

6 Agus an tràth a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a chunnaic mi thu salach ann ad fhuil fhèin, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò; seadh, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò.

7 Thug mi ort fàs lìonmhor mar chinneas na faiche, agus dh’fhàs thu lìonmhor agus mòr; agus thàinig thu gu sgeadachadh maiseach: tha do chìochan air an cumadh, agus do ghruag air fàs, an àite dhut a bhith rùisgte agus lom.

8 Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.

9 An sin nigh mi thu le uisge, seadh, nigh mi d’fhuil gu glan air falbh uat, agus dh’ung mi thu le ola.

10 Sgeadaich mi thu fòs le obair‐ghrèise, agus chuir mi brògan de chraiceann bruic ort, agus chrioslaich mi mun cuairt thu le anart grinn, agus chòmhdaich mi thu le sìoda.

11 Rinn mi sgiamhach thu mar an ceudna le usgraichean, agus chuir mi làmh‐fhailean air do làmhan, agus slabhraidh mud mhuineal.

12 Agus chuir mi seud rìomhach air d’aodann, agus cluas‐fhàinneachan ann ad chluasan, agus crùn maiseach air do cheann.

13 Mar seo bha thu air do sgeadachadh le òr agus le airgead; agus bha do thrusgan de anart grinn, agus de shìoda, agus de obair ghrèise; dh’ith thu min‐chruithneachd, agus mil, agus ola, agus bha thu ro‑mhaiseach, agus dh’fhàs thu suas gu bhith ad rìoghachd.

14 Agus chaidh d’iomradh a‑mach am measg nan cinneach airson do mhaise: oir bha sin iomlan tre mo sgèimh‐sa a chuir mi ort, deir an Tighearna Dia.

15 Ach chuir thu do dhòigh ann ad mhaise fhèin, agus rinn thu strìopachas an aghaidh do chliù, agus dhòirt thu a‑mach do strìopachas air gach neach a ghabh seachad; bu leis‐san thu.

16 Agus ghabh thu ded chulaidhean, agus rinn thu maiseach d’ionadan àrda le dathan eug‐samhail, agus rinn thu strìopachas orra, mar nach robh, agus mar nach bi.

17 Ghabh thu fòs do sheudan rìomhach dem òr‑sa, agus dem airgead a thug mi dhut; agus rinn thu dhut fhèin dealbhan dhaoine, agus chuir thu strìopachas an gnìomh leo.

18 Agus ghabh thu do chulaidhean grèise, agus chòmhdaich thu iad: agus chuir thu m’ola‑sa agus mo thùis mun comhair.

19 Mo bhiadh fòs a thug mi dhut, min‐chruithneachd, agus ola, agus mil, a thug mi dhut rin ithe, chuir thu eadhon nan làthair iad mar fhàile cùbhraidh.

20 Seadh cuideachd, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ghabh thu do mhic agus do nigheanan a rug thu dhòmhsa, agus iad seo dh’ìobair thu dhaibhsan gu bhith air an slugadh suas.

21 An nì suarach dhut, led strìopachas, gun do mharbh thu mo chlann, agus gun tug thu iad seachad gu dol tron teine air an son‐san?

22 Agus ann ad uile ghràinealachdan agus strìopachais, cha do chuimhnich thu làithean d’òige, tràth bha thu lomnochd agus rùisgte, air do thruailleadh ann ad fhuil fhèin.

23 Agus thàrladh, an dèidh d’aingidheachd uile (Mo thruaighe, mo thruaighe thu! deir an Tighearna Dia),

24 Gun do thog thu dhut fhèin fòs ionad àrd, agus gun do rinn thu dhut fhèin àite àrd anns gach aon sràid.

25 Thog thu ionad àrd aig gach aon cheann den t‑slighe, agus thug thu air do mhaise a bhith air a fuathachadh, agus rinn thu coitcheann thu fhèin do gach aon a ghabh seachad, agus rinn thu do strìopachais lìonmhor.

26 Rinn thu fòs strìopachas leis na h‑Eiphitich, do choimhearsnaich, a tha mòr ann am feòil: agus mheudaich thu do strìopachais, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg.

27 Feuch uime sin, shìn mise mo làmh a‑mach os do chionn, agus lùghdaich mi do lòn, agus thug mi thairis thu do thoil na muinntir leis am fuathach thu, nigheanan nam Philisteach, air a bheil nàire ded shlighe mhì‐chiataich.

28 Rinn thu mar an ceudna strìopachas leis na h‑Asirianaich, a chionn gu robh thu do‑shàthaichte; seadh, rinn thu strìopachas leo, agus gidheadh chan fhaodadh tu a bhith air do shàthachadh.

29 Mheudaich thu os bàrr do strìopachas ann am fearann Chanàain gu ruig Caldèa, agus gidheadh cha robh thu sàthaichte le sin.

30 Cionnas a ghlanas mise do chridhe, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a tha thu a’ dèanamh nan nithean seo uile, obair mnà neo‐gheamnaidh ladarna?

31 Nuair a tha thu a’ togail d’ionaid àird aig ceann gach slighe, agus a’ dèanamh d’àite àird anns gach aon sràid; agus nach robh thu cosmhail ri strìopaich (a chionn nach b’fhiù leat tuarasdal),

32 Ach ri mnaoi a nì adhaltranas, a ghabhas coigrich an àite a fir fhèin.

33 Do na h‑uile strìopaichean bheir iad duais; ach tha thusa a’ toirt duaise dod leannain uile, agus gan tuarasdalachadh, a‑chum gun tigeadh iad thugad gach aon taobh airson do strìopachais.

34 Agus tha thusa dìreach an aghaidh nòs mhnathan eile ann ad strìopachas, am feadh nach eil aon neach a’ dol air do dhèidh a dhèanamh strìopachais: is ann a tha thu a’ toirt duaise seachad, agus gun duais air bith ga toirt dhut: uime sin tha thu nan aghaidh ann ad nòs.

35 Air an adhbhar sin, O strìopach, cluinn facal an Tighearna:

36 Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu robh do shalchar air a dhòrtadh a‑mach, agus do lomnochdaidh air a leigeadh ris tro do strìopachais led leannain, agus le uile iodhalan do ghràinealachdan, agus le fuil do chloinne, a thug thu dhaibh;

37 Feuch uime sin, cruinnichidh mise d’uile leannain, leis an do ghabh thu sòlas, agus na h‑uile don tug thu gràdh, leis na h‑uile don tug thu fuath: nì mi eadhon an cruinneachadh mun cuairt ann ad aghaidh, agus leigidh mi ris dhaibh do lomnochdaidh, a‑chum gum faic iad do lomnochdaidh uile.

38 Agus bheir mi breith ort mar a bheirear breith air mnathan a bhriseas an ceangal‐pòsaidh, agus a dhòirteas fuil, agus bheir mi peanas ort ann an corraich agus ann an eud.

39 Agus bheir mi thu fòs dan làimh, agus tilgidh iad sìos d’àite cnocach, agus brisidh iad sìos d’ionadan àrda; buinidh iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus glacaidh iad do sheudan rìomhach, agus fàgaidh iad thu lomnochd agus rùisgte.

40 Bheir iad mar an ceudna buidheann a‑nìos ad aghaidh, agus clachaidh iad thu le clachan, agus sàthaidh iad tromhad an claidheamhan.

41 Agus loisgidh iad do thaighean le teine, agus nì iad breitheanas ort ann an sealladh mòran bhan: agus bheir mise ort sgur de strìopachas, agus cha toir thu tuarasdal seachad nas mò.

42 Mar sin bheir mi air mo chorraich riut fois a ghabhail, agus imichidh m’eud uat, agus gabhaidh mi fois, agus cha bhi fearg orm nas mò.

43 A chionn nach do chuimhnich thu làithean d’òige, agus gun do chuir thu corraich ormsa anns na nithean seo uile; feuch, uime sin dìolaidh mi fòs do shlighe air do cheann, tha an Tighearna Dia ag ràdh; agus cha chuir thu an gnìomh an neòghlaine seo thar d’uile ghràinealachdan.

44 Feuch gach aon a ghnàthaicheas sean‐fhacail, gnàthaichidh e an sean‐fhacal seo ad aghaidh, ag ràdh, Mar a’ mhàthair is amhlaidh an nighean.

45 Is tusa nighean do mhàthar, leis am fuathach a fear agus a clann; agus is tu piuthar do pheathraichean, leis am b’fhuathach am fir agus an clann: bu bhan‐Hiteach ur màthair, agus b’Amorach ur n‑athair.

46 Agus is i do phiuthar as sine Samaria, i fhèin agus a nigheanan a tha a chòmhnaidh aig do làimh chlì: agus do phiuthar as òige, a tha a chòmhnaidh aig do làimh dheis, Sòdom agus a nigheanan.

47 Gidheadh nan slighe‐san cha do ghluais thu, cha mhò a rinn thu a rèir an gràinealachdan: ach mar gum bu nì ro‑bheag sin, bha thu air do thruailleadh nas mò na iadsan ann ad uile shlighean.

48 Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha do rinn do phiuthar Sòdom, i fhèin no a nigheanan, mar a rinn thusa, thu fhèin agus do nigheanan.

49 Feuch, b’i seo aingidheachd do pheathar Sòdom; uabhar, sàth arain, agus pailteas dìomhanais, bha innte fhèin agus na nigheanan; cha mhò a neartaich i làmh a’ bhochd agus an fheumaich.

50 Agus bha iad àrdanach, agus chuir iad gràinealachd an gnìomh ann am fhianais‐sa; uime sin thug mi air falbh iad mar a chunnacas ceart dhomh.

51 Cha mhò a chuir Samaria an gnìomh leth do lochdan‐sa; ach mheudaich thu do ghràinealachdan nas mò na iadsan, agus dh’fhìreanaich thu do pheathraichean ann ad uile ghràinealachdan a rinn thu.

52 Thusa fòs a thug breith air do pheathraichean, giùlain do nàire fhèin, airson do lochdan a chuir thu an gnìomh nas gràineile na iadsan: tha iadsan nas ionraice na thusa: seadh, bi thusa air do mhaslachadh fòs, agus giùlain do nàire, a chionn gun d’fhìreanaich thu do pheathraichean.

53 Nuair a thilleas mi air a h‑ais am braighdeanas, bruid Shòdoim agus a cuid nighean, agus bruid Shamaria agus a cuid nighean, an sin bheir mi air a h‑ais bruid do bhraighdean‐sa nam meadhon;

54 A‑chum gun giùlain thu do nàire fhèin, agus gum bi thu air do mhaslachadh anns gach nì a rinn thu, a chionn gu robh thu a’ toirt dhaibh comhfhurtachd.

55 Nuair a thilleas do pheathraichean, Sòdom agus a cuid nighean, gus an ciad staid, agus a thilleas Samaria agus a cuid nighean gus an ciad staid, an sin tillidh tusa agus do nigheanan gu ur ciad staid.

56 Oir cha robh luaidh air do phiuthair Sòdom ann ad bheul ann an là d’uabhair.

57 Mun robh d’aingidheachd air a leigeadh ris, agus àm do mhaslaidh, mar nigheanan Shiria, agus na h‑uile a bha dlùth dhi, agus mar nigheanan nam Philisteach a bha mun cuairt dhut.

58 Giùlainidh tu do neòghlaine agus do ghràinealachdan, deir an Tighearna.

59 Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buinidh mise riutsa amhail mar a rinn thu fhèin, a rinn tàir air na mionnan, ann am briseadh a’ choicheangail.

60 Gidheadh cuimhnichidh mi mo choicheangal riut ann an làithean d’òige, agus daingnichidh mi riut coicheangal sìorraidh.

61 An sin cuimhnichidh tu do shlighe, agus bidh nàire ort, nuair a ghabhas tu do pheathraichean, do phiuthar as sine agus as òige: agus bheir mise dhut iad mar nigheanan, ach chan ann airson do choicheangail‐sa.

62 Agus daingnichidh mi mo choicheangal riutsa, agus bidh fhios agad gur mi an Tighearna:

63 A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan