Eseciel 14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Dia achmhasan don t‑sluagh a chuir suas iodhalan nan cridhe. 3 Chomhairlicheadh dhaibh aithreachas a ghabhail. 12 Cha saor eadar‐ghuidhe air bith iad on ghorta, 15 o bheathaichean cronail. 17 on chlaidheamh, 19 agus on phlàigh. 22 Fàgar iarmad den t‑sluagh. 1 An sin thàinig cuid de sheanairean Israeil am ionnsaigh, agus shuidh iad mum choinneamh. 2 Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, 3 A mhic an duine, chuir na daoine seo suas an iodhalan nan cridhe, agus chuir iad ceap‐tuislidh an aingidheachd fan comhair: an leig mise dhaibh air aon chor m’iarraidh? 4 Uime sin labhair riu, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gach duine de thaigh Israeil a chuireas suas iodhalan na chridhe, agus a chuireas ceap‐tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a thig a‑chum an fhàidh, bheir mise Iehòbhah freagradh dhàsan a thig, a rèir lìonmhorachd a iodhalan; 5 A‑chum gun glac mi taigh Israeil nan cridhe fhèin, a chionn gu bheil iad uile air dol air seachran uamsa tre an iodhalan. 6 Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑iodhalan; agus tionndaidhibh ur n‑aghaidh air falbh o ur n‑uile ghràinealachdan. 7 Oir gach aon de thaigh Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israel a tha ga sgaradh fhèin uamsa, agus a’ cur suas iodhalan na chridhe, agus a’ cur ceap‐tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a’ teachd a‑chum fàidh, a dh’fhiosrachadh dheth mum thimcheall‐sa; bheir mise Iehòbhah freagradh dha leam fhèin. 8 Agus cuiridh mi mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus nì mi e na chomharradh agus na ghnàth‐fhacal, agus gearraidh mi as e o mheadhon mo shluaigh; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. 9 Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil. 10 Agus giùlainidh iad peanas an euceartan: bidh peanas an fhàidh amhail peanas an tì a dh’iarras thuige; 11 A‑chum nach tèid taigh Israeil nas mò air seachran uamsa, agus nach bi iad air an truailleadh nas mò len uile chionta; ach a‑chum gum bi iad dhòmhsa nam poball, agus mise dhaibhsan ann am Dhia, deir an Tighearna Dia. 12 Thàinig a‑rìs facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, 13 A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh‐sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh. 14 Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia. 15 Ma bheir mise air beathaichean cronail dol tron fhearann, agus gum mill iad e, air chor is gum bi e fàs, ionnas nach faod neach air bith dol troimhe airson nam beathaichean: 16 Ged bhiodh an triùir dhaoine seo ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheanan; shaorte iad fhèin a‑mhàin, ach bhiodh am fearann fàs. 17 No ma bheir mise claidheamh air an fhearann seo, agus gun abair mi, A chlaidheimh, imich tron fhearann; air chor is gun geàrr mi duine agus ainmhidh a‑mach as: 18 Ged bhiodh an triùir dhaoine seo ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheanan, ach bhiodh a‑mhàin iad fhèin air an saoradh. 19 No ma chuireas mi plàigh don fhearann sin, agus gun dòirt mi mo chorraich a‑mach air ann am fuil, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as: 20 Ged bhiodh Nòah, Daniel, agus Iob ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd. 21 Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as! 22 Gidheadh feuch, fàgar iarmad ann, a bheirear a‑mach, mic agus nigheanan: feuch, thig iad a‑mach thugaibh, agus chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus gheibh sibh comhfhurtachd a‑thaobh an uilc a thug mise air Ierusalem, a‑thaobh gach nì a thug mi air. 23 Agus bheir iad comhfhurtachd dhuibh, nuair a chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus aithnichidh sibh nach ann gun adhbhar a rinn mise gach nì a rinn mi ann, deir an Tighearna Dia. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society