Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Le atharrachadh Esecieil nochdadh braighdeanas Shedeciah. 17 Ball‐chrith agus uamhann nan Iùdhach. 21 Chronaich am fàidh iad airson an gnàth‐fhacail.

1 Thàinig facal an Tighearna fòs am ionnsaigh, ag ràdh,

2 A mhic an duine, tha thu a chòmhnaidh ann am meadhon taighe ceannaircich, aig a bheil sùilean gu faicinn, ach chan eil iad a’ faicinn; tha cluasan aca gu cluinntinn, ach chan eil iad a’ cluinntinn: oir is taigh ceannairceach iad.

3 Uime sin, a mhic an duine, deasaich dhut fhèin àirneis airson dol air imrich, agus atharraich anns an là nan sealladh; agus atharraichidh tu od àite gu àit eile nan sealladh; theagamh gun toir iad fa‑near, ged is taigh ceannairceach iad.

4 An sin bheir thu a‑mach d’àirneis anns an là nan sealladh, mar àirneis airson imrich: agus thèid thu a‑mach anns an anmoch nan sealladh, mar iadsan a thèid a‑mach ann am braighdeanas.

5 Cladhaich tron bhalla nan sealladh, agus thoir a‑mach tro sin.

6 Nan sealladh giùlainidh tu air do ghuaillean, bheir thu a‑mach anns an dubh‐anmoch: còmhdaichidh tu d’aghaidh air chor is nach faic thu an làr: oir chuir mi thu mar chomharradh do thaigh Israeil.

7 Agus rinn mi ceart mar a dh’àithneadh dhomh: thug mi a‑mach m’àirneis anns an là, mar àirneis airson braighdeanais, agus anns an anmoch chladhaich mi tron bhalla lem làimh; thug mi a‑mach i anns an dubh‐anmoch, agus ghiùlain mi air mo ghuaillean i nan sealladh.

8 Agus air madainn thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

9 A mhic an duine, nach dubhairt taigh Israeil, an taigh ceannairceach, riut, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

10 Abair thusa riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Don phrionnsa ann an Ierusalem buinidh an t‑uallach seo, agus do thaigh Israeil a tha nam measg.

11 Abair, Thu mise ann am chomharradh dhuibh; amhail a rinn mise, mar sin nìthear riùsan: atharraichidh iad, agus thèid iad air falbh ann am braighdeanas.

12 Agus am prionnsa a tha nam measg giùlainidh e air a ghuaillean anns an dubh‐anmoch, agus thèid e a‑mach: cladhaichidh iad tron bhalla, a‑chum giùlan a‑mach troimhe; còmhdaichidh e a aghaidh, air chor is nach faic e an làr le a shùilean.

13 Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.

14 Agus sgapaidh mi ris gach aon ghaoith na h‑uile tha ma thimcheall ga chòmhnadh, agus a uile bhuidhnean; agus tàirngidh mi a‑mach an claidheamh nan dèidh.

15 Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a sgapas mi iad am measg nan cinneach, agus a sgaoileas mi iad air feadh nan dùthchannan.

16 Agus fàgaidh mi beagan fhear dhiubh on chlaidheamh, on ghort, agus on phlàigh, a‑chum gun cuir iad an cèill an uile ghràinealachdan am measg nan cinneach gus an tig iad; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

17 Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh ag ràdh,

18 A mhic an duine, ith d’aran le crith, agus òl d’uisge le ball‐chrith agus le cùram.

19 Agus abair ri sluagh na tìre, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh mu thimcheall luchd‐àiteachaidh Ierusaleim agus dùthaich Israeil, Ithidh iad an aran le cùram, agus òlaidh iad an uisge le uamhas, air chor is gum bi am fearann fàs on iomlan a tha ann, airson fòirneart na muinntir sin uile a tha a chòmhnaidh ann.

20 Agus nìthear na bailtean a tha air an àiteachadh fàs, agus bidh am fearann falamh;

21 Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

22 A mhic an duine, Ciod e an gnàth‐fhacal sin a tha agaibh ann am fearann Israeil, ag ràdh, Tha na làithean air an sìneadh, agus dh’fhàilnich gach uile fhoillseachadh?

23 Innis dhaibh uime sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise air a’ ghnàth‐fhacal seo sgur, agus cha labhair iad e nas fhaide mar ghnàth‐fhacal ann an Israel: ach abair riu, Tha na làithean aig làimh, agus buil gach aon taisbeanaidh.

24 Oir cha bhi nas mò aon taisbeanadh faoin no fàistneachd mhiodalach an taobh a‑staigh de thaigh Israeil.

25 Oir mise Iehòbhah, labhraidh mi, agus am facal a labhras mi thig gu crìch: cha dèan e nas fhaide moille; oir nur làithean‐se, O thaigh cheannaircich, labhraidh mise am facal, agus nì mi e, deir an Tighearna Dia.

26 A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

27 A mhic an duine, feuch tha taigh Israeil ag ràdh, Tha an taisbeanadh a tha e a’ faicinn airson mòran làithean, agus tha e ri fàistneachd mu na h‑aimsirean fad as.

28 Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha bhi aon dem bhriathran‐sa air a shìneadh nas fhaide; ach am facal a labhras mi, coileanar e, deir an Tighearna Dia.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan