Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Taisbeanadh nan èibhlean teine a bha air an sgapadh thar a’ bhaile. 8 Taisbeanadh nan ceruban. 10 Dreach agus coslas nan ceruban.

1 An sin dh’amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan ceruban, thaisbeanadh os an cionn mar gum biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh coslas rìgh‐chathrach.

2 Agus labhair e ris an duine a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach, agus thubhairt e, Imich a‑steach eadar na rothan, fon cherub, agus lìon do làmh le èibhlean teine eadar na ceruban, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e a‑steach ann am shealladh.

3 A‑nis sheas na ceruban air taobh deas an taighe, nuair a chaidh an duine a‑steach; agus lìon an neul a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh.

4 An sin chaidh glòir an Tighearna suas bhàrr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsneach an taighe; agus lìonadh an taigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn de dhealradh glòir an Tighearna.

5 Agus chualas fuaim sgiathan nan ceruban gus a’ chùirt a b’fhaide a‑muigh, mar ghuth an Dè uile‐chumhachdaich nuair a labhras e.

6 Agus thàrladh, an tràth a thug e àithne don duine a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach, ag ràdh, Glac teine o eadar na rothan, o eadar na ceruban, gun deachaidh e an sin a‑steach, agus sheas e làimh ris na rothan.

7 Agus shìn cerub a‑mach a làmh o eadar na ceruban, a‑chum an teine a bha eadar na ceruban, agus ghabh e dheth; agus chuir e an làmhan an tì a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach e; neach a ghlac e agus a chaidh a‑mach.

8 Agus chunnacas anns na ceruban cumachd làmh duine fon sgiathan.

9 Agus nuair a dh’amhairc mise, feuch na ceithir rothan aig taobh nan ceruban, aon roth aig aon cherub, agus roth eile aig cerub eile: agus bha dreach nan rothan air dhath cloiche criostail.

10 Agus airson an aogais, bha an aon choslas aca nan ceathrar, mar gum biodh roth ann am meadhon rotha.

11 Nuair a ghluais iad, dh’imich iad air an ceithir taobhan; cha do thionndaidh iad nan imeachd, ach ris an àite gus an robh an ceann ag amharc, lean iadsan e; cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad.

12 Agus bha an corp gu h‑iomlan, agus an dromannan, agus an sgiathan, agus na rothan, làn de shùilean mun cuairt air gach taobh, eadhon na rothan a bha aca nan ceathrar.

13 Agus ris na rothan ghlaodhadh ann am èisdeachd‐sa, Ruithibh.

14 Agus bha ceithir aodannan aig gach aon: aghaidh ceruib a’ chiad aodann, agus aghaidh duine an dara aodann, agus aghaidh leòmhainn an treas, agus aghaidh iolaire an ceathramh.

15 Agus thogadh suas na ceruban. Seo am beò‐chreutair a chunnaic mise aig sruth Chebair.

16 Agus nuair a ghluais na ceruban, dh’imich na rothan làimh riu: agus nuair a thog na ceruban suas an sgiathan, a‑chum èirigh suas on talamh, cha do thionndaidh na rothan ceudna sin o bhith nam fochar.

17 Nuair a sheas iad sin, sheas iad seo; agus nuair a dh’èirich iad sin suas, dh’èirich iad seo; oir bha spiorad a’ bheò‐chreutair annta.

18 An sin dh’imich glòir an Tighearna o stairsnich an taighe, agus sheas i thar na ceruban.

19 Agus thog na ceruban suas an sgiathan, agus chaidh iad suas on talamh ann am shealladh; nuair a chaidh iad a‑mach, bha na rothan mar an ceudna làimh riu; agus sheas iad aig doras geata an ear taigh an Tighearna, agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn.

20 Seo am beò‐chreutair a chunnaic mi fo Dhia Israeil, làimh ri sruth Chebair; agus dh’aithnich mi gum bu cheruban iad.

21 Bha ceithir aodannan aig gach aon fa leth, agus aig gach aon bha ceithir sgiathan; agus bha coslas làmhan duine fon sgiathan.

22 Agus b’e coslas an aghaidhean na h‑aghaidhean ceudna a chunnaic mi aig sruth Chebair, an aogas agus iad fhèin: dh’imich iad gach aon dìreach air aghaidh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan