Eòin 20 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thàinig Muire a‑chum na h‑uaighe; 3 agus Peadar agus Eòin, agus iad gun fhios aca air aiseirigh Chrìosd. 14 Dh’fhoillsicheadh Crìosd do Mhuire Magdalen, 19 agus da dheisciobail. 24 Mì‑chreideamh agus aidmheil Thòmais. 1 Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh. 2 Ruith i an sin, agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus gus an deisciobal eile a b’ionmhainn le Iosa, agus thubhairt i riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus chan eil fhios againn càit an do chuir iad e. 3 Uime sin chaidh Peadar a‑mach, agus an deisciobal sin eile, agus thàinig iad a‑chum na h‑uaighe. 4 Agus ruith iad nan dithis cuideachd: agus ruith an deisciobal eile na bu luaithe na Peadar, agus thàinig e air tùs a‑chum na h‑uaighe. 5 Agus air cromadh sìos dha, chunnaic e an lìon‐aodach na laighe; gidheadh cha deachaidh e a‑steach. 6 An sin thàinig Sìmon Peadar ga leantainn, agus chaidh e a‑steach don uaigh, agus chunnaic e an lìon‐aodach na laighe; 7 Agus an nèapaigin a bha ma cheann, chan ann na laighe maille ris an lìon‐aodach, ach air leth air a filleadh ann an aon àit. 8 An sin chaidh a‑steach mar an ceudna an deisciobal sin eile a thàinig air tùs a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic, agus chreid e. 9 Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtar, gum b’èiginn gun èireadh esan a‑rìs o na mairbh. 10 An sin dh’imich na deisciobail a‑rìs a‑chum an cuideachd fhèin. 11 Ach sheas Muire aig an uaigh a‑muigh, a’ gul: agus a’ gul dhi chrom i sìos, ag amharc a‑steach don uaigh, 12 Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe; 13 Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e. 14 Agus nuair a thubhairt i seo, thill i air a h‑ais, agus chunnaic i Iosa na sheasamh, agus cha d’aithnich i gum b’e Iosa a bha ann. 15 Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e. 16 Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir. 17 Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar‐se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se. 18 Thàinig Muire Magdalen agus dh’innis i do na deisciobail gum faca i an Tighearna, agus gun dubhairt e na nithean seo rithe. 19 Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh. 20 Agus air dha seo a ràdh, nochd e dhaibh a làmhan agus a thaobh. An sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna. 21 An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Sìth dhuibh: mar a chuir an t‑Athair uaithe mise, mar sin tha mise gur cur‐se uam. 22 Agus air dha seo a ràdh, shèid e orra, agus thubhairt e riu, Gabhaibh‐se an Spiorad Naomh. 23 Cò air bith iad dom maith sibh am peacaidhean, tha iad maithte dhaibh; agus cò air bith iad don cùm sibh am peacaidhean gun am maitheadh, tha iad air an cumail. 24 Ach cha robh Tòmas, aon den dà‑fhear‐dheug, den goirear Didimus, maille riu, nuair a thàinig Iosa. 25 Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi. 26 Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh. 27 Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach. 28 Agus fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo Thighearna agus mo Dhia. 29 Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid. 30 Agus rinn Iosa, gu fìrinneach, mòran de mhìorbhailean eile am fianais a dheisciobal, nach eil sgrìobhte anns an leabhar seo. 31 Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm‐san. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society