Eòin 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Crìosd comhfhurtachd da dheisciobail an aghaidh trioblaid, le gealladh an Spioraid Naoimh, agus aiseirigh fhèin agus a dhol suas air nèamh; 23 thug e cinnte dhaibh gum bi na h‑ùrnaighean a nithear na ainm‐san taitneach da Athair. 1 Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum nach faigheadh sibh oilbheum. 2 Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia. 3 Agus nì iad na nithean seo, do bhrìgh nach aithne dhaibh an t‑Athair, no mise. 4 Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh. 5 Ach a‑nis tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi; agus chan eil a h‑aon agaibhse a’ feòraich dhìom, Càit a bheil thu a’ dol? 6 Ach a chionn gun dubhairt mi na nithean seo ribh, lìon do‑bhròn ur cridhe. 7 Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh. 8 Agus nuair a thig esan, bheir e dearbh‐shoilleireachd don t‑saoghal mu pheacadh, agus mu fhìreantachd, agus mu bhreitheanas; 9 Mu pheacadh, do bhrìgh nach eil iad a’ creidsinn annamsa; 10 Mu fhìreantachd, do bhrìgh gu bheil mi dol a dh’ionnsaigh m’Athar, agus nach faic sibh nas mò mi; 11 Mu bhreitheanas, a chionn gu bheil uachdaran an t‑saoghail seo air a dhìteadh. 12 Tha mòran nithean agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn sibh an giùlan an tràth seo. 13 Ach nuair a thig esan, Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh a‑chum gach uile fhìrinn: oir cha labhair e uaithe fhèin: ach labhraidh e na h‑uile nithean a chluinneas e: agus foillsichidh e dhuibhse nithean a tha ri teachd. 14 Bheir esan glòir dhòmhsa: oir gheibh e dem chuid‐sa, agus nochdaidh e dhuibhse e. 15 Na h‑uile nithean a tha aig an Athair, is leamsa iad: air an adhbhar seo thubhairt mi gum faigh e dem chuid‐sa, agus nochdaidh e dhuibhse e. 16 Tamall beag agus chan fhaic sibh mi; agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi, do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar. 17 An sin thubhairt cuid de a dheisciobail eatorra fhèin, Ciod e seo a tha e ag ràdh rinn, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, Tamall beag agus chì sibh mi: agus, Do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar? 18 Air an adhbhar sin thubhairt iad, Ciod e seo a tha e ag ràdh, Tamall beag? Chan eil sinne a’ tuigsinn ciod a tha e ag ràdh. 19 A‑nis dh’aithnich Iosa gu robh toil aca fheòraich dheth, agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ feòraich nur measg fhèin mar a thubhairt mi, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi? 20 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun dèan sibhse gul agus caoidh, ach nì an saoghal gàirdeachas: agus bidh sibhse do‑bhrònach, ach tillear ur bròn gu gàirdeachas. 21 Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail. 22 Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh. 23 Agus air an là sin chan fheòraich sibh nì air bith dhìomsa. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nithean a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh iad. 24 Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm‐sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn. 25 Na nithean seo labhair mi ribh ann am briathran dorcha: ach thig an uair anns nach labhair mi nas mò ribh ann am briathran dorcha, ach innsidh mi gu soilleir mun Athair dhuibh. 26 Anns an là sin iarraidh sibh am ainm‐sa: agus chan eil mi ag ràdh ribh gun guidh mi an t‑Athair air ur son: 27 Oir is toigh leis an Athair fhèin sibh, airson gun tug sibh gràdh dhòmhsa, agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi. 28 Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar. 29 Thubhairt a dheisciobail ris, Feuch, a‑nis tha thu a’ labhairt gu soilleir, agus chan eil thu a’ labhairt cosamhlachd air bith. 30 A‑nis tha fhios againn gur aithne dhut na h‑uile nithean, agus nach feum thu duine air bith a dh’fheòraich dhìot: air a shon seo tha sinn a’ creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu. 31 Fhreagair Iosa iad, A bheil sibh a‑nis a’ creidsinn? 32 Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium. 33 Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society