Eòin 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Nigh Crìosd casan nan deisciobal; 13 dh’earail e orra a bhith iriosal agus seirceil; 18 dh’innis e ro‑làimh, agus dh’fhoillsich e do Eòin le comharradh, gum b’e Iùdas a bhrathadh e. 1 A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad. 2 Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath), 3 Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol; 4 Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh‐anart, agus cheangail e uime e. 5 Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach‐ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh‐anart a bha ceangailte uime. 6 An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan‐sa? 7 Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo. 8 Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan‐sa gu bràth. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium. 9 Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann. 10 Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan. 11 Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan. 12 An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh? 13 Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin. 14 Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan‐se, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad. 15 Oir thug mi eisempleir dhuibh, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna. 16 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e. 17 Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad. 18 Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh. 19 A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e. 20 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi. 21 Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise. 22 An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e. 23 A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa. 24 Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e. 25 An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e? 26 Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin. 27 Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e. 28 A‑nis cha do thuig aon dhiubhsan a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris. 29 Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan. 30 An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann. 31 Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann. 32 Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e. 33 A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis. 34 Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna. 35 Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail‐sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile. 36 Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo. 37 Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon. 38 Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon‐sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society