Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ghabh Iosa leisgeul Mhuire airson gun dh’ung i a chasan. 9 Thàinig an sluagh nam buidhnean a dh’fhaicinn Làsarais. 10 Ghabh na h‑àrd‐shagairt comhairle a‑chum Làsaras a mharbhadh. 12 Mharcaich Crìosd gu Ierusalem.

1 An sin thàinig Iosa, sia làithean ron chàisg, gu Betani, far an robh Làsaras a bha marbh, neach a thog esan o na mairbh.

2 Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.

3 An sin ghabh Muire punnd de ola spicnaird ro‑luachmhoir, agus dh’ung i casan Iosa, agus thiormaich i a chasan le a falt: agus lìonadh an taigh le fàile cùbhraidh na h‑ola.

4 An sin thubhairt aon de a dheisciobail, Iùdas Iscariot, mac Shìmoin, a bha gu esan a bhrath,

5 Carson nach do reiceadh an ola seo airson trì cheud pèighinn, agus nach tugadh do na bochdan e?

6 Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.

7 An sin thubhairt Iosa, Leig leatha: fa chomhair là m’adhlacaidh ghlèidh i seo.

8 Oir tha na bochdan a‑ghnàth agaibh maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth.

9 Agus bha fhios aig sluagh mòr de na h‑Iùdhaich gu robh e an sin: agus thàinig iad, chan ann a‑mhàin airson Iosa, ach a‑chum gum faiceadh iad mar an ceudna Làsaras, a thog esan o na mairbh.

10 Ach ghabh na h‑àrd‐shagartan comhairle, a‑chum Làsaras mar an ceudna a mharbhadh;

11 Do bhrìgh air a shon‐san gun d’imich mòran de na h‑Iùdhaich, agus gun do chreid iad ann an Iosa.

12 Air an là màireach, air cluinntinn do mhòr‐shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem,

13 Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!

14 Agus air do Iosa asal òg fhaotainn, shuidh e air; a rèir mar a tha e sgrìobhte,

15 Na biodh eagal ort, a nighean Shioin: feuch, tha do Rìgh a’ teachd, na shuidhe air loth asail.

16 Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime, agus gun do rinn iad na nithean seo dha.

17 Uime sin rinn an sluagh a bha maille ris fianais gun do ghairm e Làsaras as an uaigh, agus gun do thog e o na mairbh e.

18 Air an adhbhar sin mar an ceudna choinnich an sluagh e, do bhrìgh gun cuala iad gun do rinn e am mìorbhail seo.

19 Thubhairt na Pharasaich uime sin eatorra fhèin, Am faic sibh nach eil sibh a’ buadhachadh a’ bheag sam bith? Feuch, tha an saoghal air dol na dhèidh.

20 Agus bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas a‑chum adhradh a dhèanamh aig an fhèill:

21 Air an adhbhar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida Ghalile, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, A thighearna, bu mhiann leinn Iosa fhaicinn.

22 Thàinig Philip agus dh’innis e do Anndras: agus a‑rìs dh’innis Anndras agus Philip do Iosa.

23 Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.

24 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.

25 Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.

26 Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

27 A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.

28 Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e.

29 Uime sin thubhairt an sluagh a sheas an làthair, agus a chuala seo, gu robh tàirneanach ann: thubhairt cuid eile, Labhair aingeal ris.

30 Fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan ann air mo shon‐sa a thàinig an guth seo, ach air ur son‐se.

31 A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann: a‑nis tilgear uachdaran an t‑saoghail seo a‑mach.

32 Agus mise, ma thogar suas on talamh mi, tàirngidh mi na h‑uile dhaoine am ionnsaigh.

33 (Ach thubhairt e seo, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis a gheibheadh e.)

34 Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?

35 An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.

36 Am feadh is a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas, a‑chum gum bi sibh nur cloinn don t‑solas. Labhair Iosa na nithean seo, agus dh’fhalbh e, agus dh’fhalaich e e fhèin uapa.

37 Ach ged a rinn e a choilìon seo de mhìorbhailean nan làthair, cha do chreid iad ann:

38 A‑chum gum biodh briathran an fhàidh Esaias air an coileanadh, a thubhairt e, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris‐ne? Agus cò dha a dh’fhoillsicheadh gàirdean an Tighearna?

39 Air an adhbhar seo cha robh e an comas dhaibh creidsinn, do bhrìgh gun dubhairt Esaias a‑rìs,

40 Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn‐sa iad.

41 Thubhairt Esaias na nithean seo, nuair a chunnaic e a ghlòir‐san, agus a labhair e uime.

42 Gidheadh chreid mòran de na h‑Uachdarain fhèin ann: ach airson nam Pharasach cha d’aidich iad e, air eagal gun cuirte a‑mach as an t‑sionagog iad.

43 Oir b’annsa leo glòir dhaoine na glòir Dhè.

44 Agus ghlaodh Iosa, agus thubhairt e, An tì a tha a’ creidsinn annam‐sa, chan ann annamsa a tha e a’ creidsinn, ach anns an tì a chuir uaithe mi.

45 Agus an tì a tha gam fhaicinn‐sa, tha e a’ faicinn an tì a chuir uaithe mi.

46 Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.

47 Agus ma chluinneas neach air bith mo bhriathran‐sa, agus nach creid e, chan eil mise ga dhìteadh: oir cha tàinig mi a dhìteadh an t‑saoghail, ach a shaoradh an t‑saoghail.

48 An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.

49 Oir cha do labhair mi uam fhèin; ach an t‑Athair a chuir uaithe mi, thug e àithne dhomh, ciod a theirinn, agus ciod a labhrainn.

50 Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne‐san: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan