Eòin 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thog Crìosd suas Làsaras an dèidh dha a bhith ceithir làithean anns an uaigh. 45 Chreid mòran de na h‑Iùdhaich. 47 Chùm na h‑àrd‐shagairt agus na Pharasaich comhairle an aghaidh Chrìosd. 1 A‑nis bha duine àraidh gu tinn, dom b’ainm Làsaras o Bhetani, baile Mhuire agus Mharta a piuthar. 2 (B’i a’ Mhuire sin a dh’ung an Tighearna le ola luachmhoir, agus a thiormaich a chasan le a falt, aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn.) 3 Uime sin chuir a pheathraichean fios da ionnsaigh, ag ràdh, A Thighearna, feuch, tha an tì as ionmhainn leat tinn. 4 Nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e, Chan eil an tinneas seo a‑chum bàis, ach a‑chum glòir Dhè, a‑chum gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh da thaobh. 5 A‑nis b’ionmhainn le Iosa Marta, agus a piuthar, agus Làsaras. 6 Uime sin nuair a chuala e gu robh esan tinn, dh’fhan e fhathast dà là anns an ionad anns an robh e. 7 Na dhèidh sin thubhairt e ra dheisciobail, Rachamaid a‑rìs do Iudèa. 8 Thubhairt a dheisciobail ris, A Mhaighistir, a‑nis dh’iarr na h‑Iùdhaich do chlachadh; agus a bheil thu a’ dol a‑rìs an sin? 9 Fhreagair Iosa, Nach eil dà‑uair‐dheug anns an là? Ma dh’imicheas duine anns an là, cha tuislich e, oir tha e a’ faicinn solas an t‑saoghail seo: 10 Ach ma dh’imicheas duine anns an oidhche, tuislichidh e, do bhrìgh nach eil an solas ann. 11 Na nithean seo labhair e: agus na dhèidh sin thubhairt e riu, Tha ar caraid Làsaras na chadal: ach tha mise a’ dol a‑chum gun dùisg mi as a chadal e. 12 An sin thubhairt a dheisciobail, A Thighearna, ma tha e na chadal, bidh e slàn. 13 Gidheadh labhair Iosa ma bhàs: ach shaoil iadsan gun do labhair e mu thimcheall fois cadail. 14 An sin thubhairt Iosa riu gu soilleir, Fhuair Làsaras bàs. 15 Agus tha mi subhach air ur son‐se nach robh mi an sin, a‑chum gun creid sibh; ach rachamaid da ionnsaigh. 16 An sin thubhairt Tòmas, ris an abrar Didimus, ra cho‐dheisciobail, Rachamaid‐ne mar an ceudna, a‑chum gum faigh sinn bàs maille ris. 17 An sin nuair a thàinig Iosa, fhuair e e an dèidh dha a bhith cheana ceithir làithean anns an uaigh. 18 (A‑nis bha Betani fagas do Ierusalem, mu thimcheall còig‐stàidean‐deug uaithe.) 19 Agus thàinig mòran de na h‑Iùdhaich a‑chum Mharta agus Mhuire, gu comhfhurtachd a thoirt dhaibh a‑thaobh am bràthar. 20 An sin nuair a chuala Marta gu robh Iosa a’ teachd, chaidh i na chòdhail: ach shuidh Muire anns an taigh. 21 An sin thubhairt Marta ri Iosa, A Thighearna, nam biodh tusa an seo, chan fhaigheadh mo bhràthair bàs. 22 Ach tha fhios agam a‑nis fhèin, ge bè air bith nithean a dh’iarras tu air Dia, gun toir Dia dhut iad. 23 Thubhairt Iosa rithe, Eiridh do bhràthair a‑rìs. 24 Thubhairt Marta ris, Tha fhios agam gun èirich e a‑rìs anns an aiseirigh air an là dheireannach. 25 Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: 26 Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo? 27 Thubhairt i ris, Tha, a Thighearna: tha mi a’ creidsinn gur tusa Crìosd, Mac Dhè, a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail. 28 Agus air dha na nithean seo a ràdh, dh’fhalbh i, agus ghairm i a piuthar Muire ann an uaigneas, ag ràdh, Thàinig am Maighistir, agus tha e gad ghairm. 29 Nuair a chuala ise sin, dh’èirich i gu grad, agus thàinig i da ionnsaigh. 30 A‑nis cha robh Iosa fhathast air teachd don bhaile, ach bha e anns an àite anns an do choinnich Marta e. 31 An sin na h‑Iùdhaich a bha maille rithe anns an taigh, agus a’ toirt comhfhurtachd dhi, nuair a chunnaic iad Muire, gun d’èirich i gu grad, agus gun deachaidh i a‑mach, lean iad i, ag ràdh, Tha i a’ dol a‑chum na h‑uaighe, a chaoineadh an sin. 32 An sin nuair a thàinig Muire don àite anns an robh Iosa, agus a chunnaic i e, thuit i aig a chasan, ag ràdh ris, A Thighearna, nam biodh tusa an seo, chan fhaigheadh mo bhràthair bàs. 33 Uime sin nuair a chunnaic Iosa i a’ gul, agus na h‑Iùdhaich a thàinig maille rithe a’ gul mar an ceudna, rinn e osna na spiorad, agus chuir e e fhèin fo àmhghar. 34 Agus thubhairt e, Càit an do chuir sibh e? Thubhairt iad ris, A Thighearna, thig agus faic. 35 Ghuil Iosa. 36 An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Feuch cionnas a ghràdhaich e e! 37 Agus thubhairt cuid dhiubh, Nach faodadh an duine seo a dh’fhosgail sùilean an doill, a thoirt fa‑near nach faigheadh eadhon am fear seo bàs? 38 Uime sin thàinig Iosa, ag osnaich a‑rìs ann fhèin, a‑chum na h‑uaighe. Agus b’uamh i, agus bha clach air a cur oirre. 39 Thubhairt Iosa, Togaibh a’ chlach. Thubhairt Marta, piuthar an duine mhairbh, ris, A Thighearna, tha a‑nis droch bholadh dheth; oir is e seo an ceathramh là. 40 Thubhairt Iosa rithe, Nach dubhairt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu glòir Dhè? 41 An sin thog iad a’ chlach (on àit anns an robh an duine marbh air a chur). Agus thog Iosa suas a shùilean, agus thubhairt e, Athair, tha mi a’ toirt buidheachais dhut, gun d’èisd thu rium. 42 Agus bha fhios agam gu bheil thu ag èisdeachd rium a‑ghnàth: ach thubhairt mi e airson an t‑sluaigh a tha nan seasamh mum thimcheall, a‑chum gun creid iad gun do chuir thusa uat mi. 43 Agus nuair a labhair e na nithean seo, ghlaodh e le guth mòr, A Làsarais, thig a‑mach. 44 Agus thàinig esan a bha marbh a‑mach, agus a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach‐mhairbh: agus bha a aghaidh ceangailte mun cuairt le nèapaigin. Thubhairt Iosa riu, Fuasglaibh e, agus leigibh leis imeachd. 45 An sin chreid mòran de na h‑Iùdhaich ann, a thàinig a‑chum Mhuire, agus a chunnaic na nithean a rinn Iosa. 46 Ach dh’fhalbh cuid a‑chum nam Pharasach, agus dh’innis iad dhaibh na nithean a rinn Iosa. 47 An sin chruinnich na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich comhairle, agus thubhairt iad, Ciod tha sinn a’ dèanamh? Oir tha an duine seo a’ dèanamh mòran mhìorbhailean. 48 Ma leigeas sinn leis air an dòigh seo, creididh na h‑uile dhaoine ann; agus thig na Ròmanaich, agus sgriosaidh iad ar n‑àite, agus ar cinneach. 49 An sin thubhairt fear àraidh dhiubh dom b’ainm Caiaphas, air dha a bhith na àrd‐shagart air a’ bhliadhna sin, riu, Chan aithne dhuibh nì sam bith. 50 Cha mhò a tha sibh a’ toirt fa‑near gur iomchaidh dhuinne gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an cinneach uile air a sgrios. 51 Ach cha b’ann uaithe fhèin a labhair e seo: ach air dha a bhith na àrd‐shagart air a’ bhliadhna sin, rinn e fàidheadaireachd gum faigheadh Iosa bàs airson a’ chinnich sin; 52 Agus chan ann airson a’ chinnich sin a‑mhàin, ach a‑chum mar an ceudna gun cruinnicheadh e an ceann a chèile, nan aon, clann Dhè a bha air an sgapadh. 53 Uime sin on là sin a‑mach, chuir iad an comhairle ri chèile a‑chum esan a chur gu bàs. 54 Air an adhbhar sin cha d’imich Iosa nas mò gu follaiseach am measg nan Iùdhach; ach chaidh e as a sin do dhùthaich làimh ris an fhàsach, gu baile ris an abrar Ephraim, agus an sin ghabh e còmhnaidh maille ra dheisciobail. 55 Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas: agus chaidh mòran suas as an dùthaich do Ierusalem ron chàisg, a‑chum iad fhèin a ghlanadh. 56 An sin dh’iarr iad Iosa, agus labhair iad ri chèile nan seasamh anns an teampall, Ciod ur barail‐se? An e nach tig e a‑chum na fèille? 57 A‑nis bha araon na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich air toirt àithne, nam biodh fhios aig neach air bith càit an robh e, gun innseadh e e, a‑chum gun glacadh iad e. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society