Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Phàraoh a’ diùltadh cead do chloinn Israeil dol gus fèill a chumail don Tighearn anns an fhàsach. 6 Dh’àithn e obair na bu truime a chur orra.

1 Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

2 Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn‐sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd.

3 Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh.

4 Agus thubhairt rìgh na h‑Èiphit riu, Carson a tha sibhse, a Mhaois agus Aaroin, a’ toirt air an t‑sluagh sgur on obraichean? Rachaibh a‑chum ur n‑eallaichean.

5 Agus thubhairt Phàraoh, Feuch, tha sluagh na tìre a‑nis lìonmhor, agus tha sibhse a’ toirt orra a bhith nan tàmh on eallaichean.

6 Agus dh’àithn Phàraoh air an là sin fhèin do mhaighistirean‐obrach an t‑sluaigh, agus dan luchd‐riaghlaidh, ag ràdh,

7 Cha toir sibh connlach tuilleadh don t‑sluagh a dhèanamh chlachan‐creadha mar roimhe seo: rachadh iad agus cruinnicheadh iad connlach dhaibh fhèin.

8 Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan‐creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.

9 Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain.

10 Agus chaidh maighistirean‐obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd‐riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach.

11 Rachaibh, gabhaibh dhuibh fhèin connlach far am faod sibh a faotainn: gidheadh cha leigear sìos a’ bheag de ur n‑obair.

12 Uime sin sgaoileadh an sluagh air feadh tìr na h‑Èiphit uile, a chruinneachadh asbhuain an àite connlaich.

13 Agus chuir na maighistirean‐obrach thuige iad, ag ràdh, Coileanaibh ur n‑obraichean cumte làitheil, mar nuair a thugadh connlach dhuibh.

14 Agus bhuaileadh luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighistirean‐obrach Phàraoh os an cionn, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, Carson nach do choilean sibh ur n‑obair chumte ann an dèanamh chlachan‐creadha, araon an‑dè agus an‑diugh, mar a rinn sibh roimhe?

15 An sin thàinig luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad ri Phàraoh, ag ràdh, Carson a bhuineas tu air an dòigh seo rid sheirbhisich?

16 Chan eil connlach air a toirt dod sheirbhisich, agus is e a their iad rinn, Dèanaibh clachan‐creadha: agus, feuch, tha do sheirbhisich air am bualadh; ach is ann aig do shluagh fhèin a tha a’ choire.

17 Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid don Tighearna.

18 Uime sin imichibh a‑nis, dèanaibh obair; oir cha toirear connlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clachan‐creadha.

19 Agus chunnaic luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil gum bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad de ur clachan‐creadha, den obair dhligheach làitheil.

20 Agus choinnich iad Maois agus Aaron, a sheas air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach o Phàraoh.

21 Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

22 Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, carson a bhuin thu cho olc ris an t‑sluagh seo? Carson a chuir thu uat mi?

23 Oir on àm a thàinig mi gu Phàraoh a labhairt ann ad ainm, rinn e olc don t‑sluagh seo; agus cha do shaor thu idir do shluagh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan