Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 40 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thugadh àithne do Mhaois gun cuireadh e suas pàillean bùtha a’ choitheanail, agus gun naomhaicheadh e e. 16 Rinn Maois gach nì a dh’àithn an Tighearna dha. 34 Chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail.

1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2 Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.

3 Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn‐bhrat.

4 Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

5 Agus suidhichidh tu an altair òir a tha a‑chum na tùise fa chomhair àirc na Fianais, agus cuiridh tu brat an dorais ris a’ phàillean.

6 Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt‐loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.

7 Agus suidhichidh tu an soitheach‐ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

8 Agus cuiridh tu suas a’ chùirt mun cuairt, agus crochaidh tu suas am brat aig geata na cùirte.

9 Agus gabhaidh tu an ola‑ungaidh, agus ungaidh tu am pàillean, agus gach nì a tha ann, agus naomhaichidh tu e, agus a shoithichean uile: agus bidh e naomh.

10 Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh.

11 Agus ungaidh tu an soitheach‐ionnlaid agus a chas, agus naomhaichidh tu e.

12 Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras bùth a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

13 Agus cuiridh tu air Aaron an t‑aodach naomh, agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus frithealaidh e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

14 Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra,

15 Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh‐san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.

16 Agus rinn Maois a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha: mar sin rinn e.

17 Agus b’ann anns a’ chiad mhìos, anns an dara bliadhna, air a’ chiad là den mhìos, a chuireadh suas am pàillean.

18 Agus chuir Maois suas am pàillean agus dhaingnich e a bhuinn, agus chuir e suas a bhùird, agus chuir e a‑steach a chroinn, agus thog e suas a phuist.

19 Agus sgaoil e a‑mach am bùth os cionn a phàillein, agus chuir e còmhdach a’ bhùtha air os a chionn; mar a’ dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

20 Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair‐thròcair air an àirc os a cionn.

21 Agus thug e an àirc a‑steach don phàillean, agus chuir e suas brat a’ chòmhdaich, agus chòmhdaich e àirc na Fianais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

22 Agus chuir e am bòrd ann am bùth a’ choitheanail air taobh a’ phàillein mu thuath, an taobh a‑muigh den roinn‐bhrat.

23 Agus chuir e an t‑aran ann an òrdagh air, ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

24 Agus chuir e an coinnleir ann am bùth a’ choitheanail, thall fa chomhair a’ bhùird, air taobh a’ phàillein ris an àird a deas.

25 Agus las e na lòchrain ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

26 Agus chuir e an altair òir ann am bùth a’ choitheanail, air beulaibh an roinn‐bhrait,

27 Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

28 Agus chuir e suas am brat aig doras a’ phàillein.

29 Agus chuir e altair na h‑ìobairt‐loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt‐loisgte, agus an tabhartas‐bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

30 Agus chuir e an soitheach‐ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus chuir e uisge ann, a dh’ionnlad leis.

31 Agus dh’ionnlaid Maois, agus Aaron, agus a mhic, an làmhan agus an casan aige.

32 Nuair a bha iad gu dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, agus gu teachd am fagas don altair, dh’ionnlaid iad iad fhèin, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

33 Agus chuir e suas a’ chùirt timcheall a’ phàillein agus na h‑altarach, agus chuir e suas brat geata na cùirte: mar sin chrìochnaich Maois an obair.

34 An sin chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail, agus lìon glòir an Tighearna am pàillean.

35 Agus cha b’urrainn Maois dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, a chionn gun do ghabh an neul còmhnaidh air, agus gun do lìon glòir an Tighearna am pàillean.

36 Agus nuair a dh’èirich an neul suas o mhullach a’ phàillein, chaidh clann Israeil air an aghaidh nan uile thurasan:

37 Ach mura d’èirich an neul suas, an sin cha do thriall iad gus an là anns an d’èirich e suas.

38 Oir bha neul an Tighearna air a’ phàillean anns an là, agus bha teine air anns an oidhche, ann an sealladh taigh Israeil uile, air feadh an uile thurasan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan