Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Slat Mhaois air a tionndadh na nathair. 6 A làmh lòbhrach. 21 Teachdaireachd an Tighearna a‑chum Pharoah.

1 Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.

2 Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann ad làimh? Agus thubhairt esan, Slat.

3 Agus thubhairt e, Tilg air an làr i. Agus thilg e air an làr i, agus rinneadh i na nathair: agus theich Maois roimhpe.

4 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuir a‑mach do làmh, agus glac air a h‑eàrr i. Agus chuir e a‑mach a làmh, agus rug e oirre, agus rinneadh slat dhith na làimh.

5 A‑chum is gun creid iad gun d’fhoillsich an Tighearna, Dia an athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, e fhèin dhut.

6 Agus thubhairt an Tighearna a thuilleadh air seo ris, Cuir a‑nis do làmh ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh na bhroilleach: agus nuair a thug e a‑mach i, feuch, bha a làmh lobhrach mar shneachda.

7 Agus thubhairt e, Cuir do làmh a‑rìs ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh a‑rìs na bhroilleach, agus thug e a‑mach as a bhroilleach i, agus, feuch, dh’iompaicheadh i mar a’ chuid eile de a fheòil.

8 Agus tàrlaidh, mura creid iad thu, agus mura èisd iad ri guth a’ chiad chomharraidh, gun creid iad guth a’ chomharraidh dheireannaich.

9 Agus tàrlaidh, mura creid iad mar an ceudna an dà chomharradh sin, agus mura èisd iad rid ghuth, gun gabh thu cuid de uisge na h‑aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh an t‑uisge a bheir thu as an abhainn na fhuil air an talamh thioram.

10 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas‐chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.

11 Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna?

12 A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.

13 Agus thubhairt e, O mo Thighearna, cuir, guidheam ort, le làimh an tì a chuireas tu.

14 Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e Aaron an Lèbhitheach do bhràthair? Tha fhios agam gun labhair esan gu math. Agus mar an ceudna, feuch, tha e a’ teachd a‑mach ad choinneamh: agus nuair a chì e thu, bidh e subhach na chridhe.

15 Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu facail na bheul: agus bidh mise led bheul‐sa, agus le a bheul‐san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a nì sibh.

16 Agus labhraidh esan air do shon‐sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè.

17 Agus gabhaidh tu an t‑slat seo ann ad làimh, leis an dèan thu comharraidhean.

18 Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair‐cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Èiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.

19 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois ann am Midian, Imich, till don Èiphit: oir tha na daoine sin uile marbh a bha ag iarraidh d’anama.

20 Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Èiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh.

21 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Èiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.

22 Agus their thu ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Is e Israel mo mhac, mo chiad‐ghin:

23 Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac‐sa, eadhon do chiad‐ghin.

24 Agus thàrladh air an t‑slighe anns an taigh‐òsda, gun do choinnich an Tighearna e, agus gun d’iarr e a mharbhadh.

25 An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimcheall‐gheàrr i ro‑chraiceann a mic, agus thilg i aig a chasan e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear‐pòsda fuileachdach dhòmhsa thu.

26 Agus leig e uaithe e: an sin thubhairt i, Is fear‐pòsda fuileachdach thu airson an timcheall‐ghearraidh.

27 Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Imich an coinneamh Mhaois don fhàsach. Agus dh’imich e, agus choinnich e e ann an sliabh Dhè, agus phòg e e.

28 Agus dh’innis Maois do Aaron uile bhriathran an Tighearna, a chuir uaithe e, agus na comharraidhean uile a dh’àithn e dha.

29 Agus chaidh Maois agus Aaron, agus chruinnich iad seanairean chloinn Israeil uile:

30 Agus labhair Aaron na briathran uile a labhair an Tighearna ri Maois, agus rinn e na comharraidhean ann an sealladh an t‑sluaigh.

31 Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan