Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 32 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug an sluagh air Aaron laogh leaghta a dhèanamh. 19 Las corraich Mhaois, agus bhris e clàir an lagha. 30 Rinn e ùrnaigh ri Dia airson an t‑sluaigh.

1 Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Èiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.

2 Agus thubhairt Aaron riu, Brisibh dhibh na cluas‐fhailean òir a tha ann an cluasan ur ban, ur mac, agus ur nighean, agus thugaibh am ionnsaigh‐sa iad.

3 Agus bhris an sluagh uile dhiubh an cluas‐fhailean òir a bha nan cluasan, agus thug iad gu Aaron iad.

4 Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum e e le inneal‐gearraidh, an dèidh dha laogh leaghte a dhèanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Èiphit.

5 Agus nuair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là fèille a‑màireach don Tighearna.

6 Agus dh’èirich iad suas gu moch air an là màireach, agus thug iad suas tabhartasan‐loisgte, agus thug iad leo tabhartasan‐sìthe: agus shuidh an sluagh sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad suas gu sùgradh.

7 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Èiphit, iad fhèin.

8 Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Èiphit.

9 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chunnaic mise an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag‐mhuinealach iad.

10 A‑nis uime sin leig leam, agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh, agus claoidhidh mi iad: agus nì mi dhìotsa cinneach mòr.

11 Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Èiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?

12 Carson a labhradh na h‑Èiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e a‑mach iad, a‑chum am marbhadh anns na beanntan, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Till od chorraich ghairg, agus gabh aithreachas den olc seo an aghaidh do shluaigh.

13 Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd‐se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.

14 Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh.

15 Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t‑sliabh, agus dà chlàr na Fianais na làimh; bha na clàir sgrìobhte air an dà thaobh; air an taobh seo, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhte.

16 Agus b’iad na clàir obair Dhè, agus b’e an sgrìobhadh sgrìobhadh Dhè, geàrrte air na clàir.

17 Agus chuala Iosua toirm an t‑sluaigh nuair a rinn iad iolach, agus thubhairt e ri Maois, Tha toirm cogaidh anns a’ champ.

18 Agus thubhairt e, Chan e guth dhaoine a’ dèanamh gàir airson na buadha, cha mhò is e guth dhaoine ag èigheach a chionn gun tugadh buaidh orra, ach toirm luchd‐gabhail ciùil a tha mi a’ cluinntinn.

19 Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.

20 Agus ghabh e an laogh a rinn iad, agus loisg e anns an teine e, agus mheil e gu smùr e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e air cloinn Israeil òl dheth.

21 Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?

22 Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg mo thighearna: is aithne dhut an sluagh, gu bheil iad so‑aomaidh a dh’ionnsaigh an uilc.

23 Oir thubhairt iad rium, Dèan dhuinn diathan, a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑mach sinn à tìr na h‑Èiphit, chan fhios dhuinn ciod a thàinig air.

24 Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig a bheil a’ bheag de òr briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi anns an teine e, agus thàinig a‑mach an laogh seo.

25 Agus nuair a chunnaic Maois gu robh an sluagh rùisgte (oir rùisg Aaron iad a‑chum an nàire am measg an naimhdean),

26 An sin sheas Maois ann an geata a’ champa, agus thubhairt e, Cò a tha leis an Tighearna? Thigeadh e am ionnsaigh‐sa. Agus chruinnich mic Lèbhi uile da ionnsaigh.

27 Agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cuireadh gach duine agaibh a chlaidheamh air a leis, agus rachaibh a‑steach agus a‑mach o gheata gu geata air feadh a’ champa, agus marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, agus gach duine a chompanach, agus gach duine a choimhearsnach.

28 Agus rinn clann Lèbhi a rèir facal Mhaois: agus thuit den t‑sluagh anns an là sin mu thimcheall trì mìle fear.

29 Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh fhèin an diugh don Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a‑chum is gum builich e oirbh beannachadh air an là‑an‑diugh.

30 Agus air an là màireach thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Pheacaich sibh peacadh mòr: agus a‑nis thèid mise suas a dh’ionnsaigh an Tighearna, a dh’fheuchainn an dèan mi rèite airson ur peacaidh.

31 Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, Och! pheacaich an sluagh seo peacadh mòr, agus rinn iad dhaibh fhèin diathan òir:

32 Gidheadh a‑nis, mas toil leat, maith dhaibh am peacadh; ach mura maith, dubh mise, guidheam ort, a‑mach as do leabhar a sgrìobh thu.

33 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Ge bè a pheacaich am aghaidh, esan dubhaidh mi a‑mach as mo leabhar.

34 Uime sin a‑nis imich, treòraich an sluagh a‑chum an ionaid mun do labhair mi riut; feuch, thèid m’aingeal romhad: gidheadh, anns an là anns am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra.

35 Agus chlaoidh an Tighearna an sluagh, a chionn gun do rinn iad an laogh a rinn Aaron.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan