Ecsodus 31 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Besaleel agus Aholiab air an gairm a dh’ionnsaidh obrach a’ phàillean. 12 An t‑sàbaid gu bhith air a coimhead naomh. 18 Dà chlàr na Fianais air an tabhairt do Mhaois. 1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 2 Feuch, ghairm mi air a ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah; 3 Agus lìon mi e le spiorad Dhè, ann an gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach uile ghnè obrach, 4 A dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, 5 Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a dh’obrachadh anns gach uile ghnè obrach. 6 Agus mise, feuch, thug mi seachad maille ris Aholiab mac Ahisamaich, de threubh Dhain; agus ann an cridhe gach neach a tha glic‐chridheach chuir mi gliocas, agus nì iad gach nì a dh’àithn mi dhut; 7 Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair‐thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein, 8 Agus am bòrd agus a uidheam, agus an coinnleir fìorghlan le a uidheam uile, agus altair na tùise, 9 Agus altair na h‑ìobairt‐loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach‐ionnlaid agus a chas, 10 Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt, 11 Agus an ola‑ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad. 12 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 13 Labhair thusa mar an ceudna ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn coimheadaidh sibh mo shàbaidean: oir is comharradh sin eadar mise agus sibhse, air feadh ur ginealaichean; a‑chum is gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna a naomhaicheas sibh. 14 Coimheadaidh sibh uime sin an t‑sàbaid; oir tha i naomh dhuibh. Esan a thruailleas i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a nì obair oirre, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh. 15 Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e. 16 Uime sin coimheadaidh clann Israeil an t‑sàbaid, a ghleidheadh na sàbaid air feadh an ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh. 17 Eadar mise agus clann Israeil is comharradh i a‑chaoidh; oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, agus air an t‑seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois. 18 Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society