Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 27 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus a soithichean. 9 Cùirt a’ phàillean. 20 Oladh fhìor‐ghlan a’ chroinn‐olaidh air a toirt airson solais.

1 Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan‐coille air fad, agus còig làmhan‐coille air leud; bidh an altair ceithir‐cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan‐coille.

2 Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha.

3 Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean‐teine: a soithichean uile nì thu de umha.

4 Agus nì thu dhi cliath de lìon‐obair umha: agus nì thu air an lìon ceithir failbheagan umha air a cheithir oisnean.

5 Agus cuiridh tu e fo chuairt na h‑altarach gu h‑ìosal, agus bidh an lìon gu ruig meadhon na h‑altarach.

6 Agus nì thu bataichean don altair, bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le umha.

7 Agus cuirear na bataichean anns na failbheagan, agus bidh na bataichean air dà thaobh na h‑altarach ga giùlan.

8 Fàs le bùird nì thu i; mar a nochdadh dhut anns an t‑sliabh, mar sin nìthear i.

9 Agus nì thu cùirt a’ phàillein air an taobh deas, ri deas: bidh cùirteanan airson na cùirte de anart grinn toinnte; ceud làmh‐choille am fad, air aon taobh.

10 Agus bidh a fichead post, agus am fichead bonn, de umha: bidh cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.

11 Agus mar an ceudna air an taobh tuath air fad, bidh cùirteanan ceud làmh‐choille air fad, agus a fichead post, agus am fichead bonn de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.

12 Agus air leud na cùirte air an taobh an iar, bidh cùirteanan de leth‐cheud làmh‐choille: am puist deich, agus am buinn deich.

13 Agus bidh leud na cùirte air an taobh an ear, ris an àird an ear, leth‐cheud làmh‐choille.

14 Agus bidh na cùirteanan air aon taobh còig làmhan‐coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.

15 Agus air an taobh eile bidh a cùirteanan còig làmhan‐coille deug: am puist trì, agus am buinn trì.

16 Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh‐choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.

17 Bidh na puist uile timcheall na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead: bidh an cromagan de airgead, agus am buinn de umha.

18 Fad na cùirte ceud làmh‐choille, agus a leud leth‐cheud làmh‐choille anns gach àite, agus a h‑àirde còig làmhan‐coille, de anart grinn toinnte; agus am buinn de umha.

19 Bidh uile shoithichean a’ phàillein, na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneachan na cùirte uile, de umha.

20 Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn‐ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.

21 Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan