Ecsodus 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chaidh Maois suas don t‑sliabh. 3 Gheall an sluagh gun tugadh iad gèill do fhacal an Tighearna. 16 Glòir Dhè air a foillseachadh. 1 Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì‐fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh. 2 Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris. 3 Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne. 4 Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh‐dheug a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil. 5 Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan‐loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean‐sìthe de dhaimh don Tighearna. 6 Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair. 7 Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill. 8 Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile. 9 Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì‐fichead is a deich de sheanairean Israeil. 10 Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse. 11 Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad. 12 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh‐sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg. 13 Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè. 14 Agus thubhairt e ris na seanairean, Fanaibh‐se rinn an seo, gus an till sinn dur n‑ionnsaigh. Agus, feuch, tha Aaron agus Hur maille ribh: esan aig am bi cùis sam bith, thigeadh e dan ionnsaigh‐san. 15 Agus chaidh Maois suas don t‑sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh. 16 Agus chòmhnaich glòir an Tighearna air sliabh Shinài, agus chòmhdaich an neul e sia làithean: agus dh’èigh e ri Maois air an t‑seachdamh là à meadhon an neòil. 17 Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian‐loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil. 18 Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society