Ecsodus 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Laghan a‑thaobh tuairesgeil no fianais bhrige, 12 a‑thaobh là na sàbaid, etc. 22 Beannachadh air a ghealltainn dhaibhsan a choimheadas reachd Dhè. 1 Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir. 2 Cha lean thu a’ mhòr‐chuideachd a dh’ionnsaigh an uilc, agus cha labhair thu ann an cùis, gu claonadh an dèidh a’ mhòrain, a‑chum breith fhiaradh. 3 Agus ri duine bochd cha bhi thu bàidheil na chùis. 4 Ma thachras tu air damh do nàmhaid, no a asal, a’ dol air seachran, bheir thu gu cinnteach air ais e da ionnsaigh. 5 Ma chì thu asal duine aig a bheil fuath dhut a’ laighe fo a h‑eallaich, agus gun smaoinich thu air fantainn o chòmhnadh a dhèanamh rithe, nì thu gu cinnteach còmhnadh rithe. 6 Cha chlaon thu breith do bhochd na chùis. 7 O chùis bhrèige cùm thu fhèin am fad, agus an neochiontach agus an t‑ionraic na marbh: oir chan fhìreanaich mise an t‑aingidh. 8 Agus tìodhlac cha ghabh thu; oir dallaidh tìodhlac na daoine glice, agus claonaidh e briathran nan daoine ionraic. 9 Agus air coigreach na dèan fòirneart: oir is aithne dhuibh inntinn coigrich, do bhrìgh gu robh sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Èiphit. 10 Agus sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh. 11 Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios‐ola. 12 Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail. 13 Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e. 14 Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna. 15 Fèill an arain neo‐ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo‐ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Èiphit: agus cha tig neach air bith am làthair‐sa falamh: 16 Agus fèill an fhogharaidh, ciad‐thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann. 17 Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia. 18 Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt‐sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn. 19 Toiseach ciad‐thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar. 20 Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, gud choimhead anns an t‑slighe, agus gud thabhairt a‑steach don àit a dh’ullaich mi. 21 Bi faiceallach na làthair, agus èisd ra ghuth; na cuir na aghaidh: oir cha lagh e ur cionta; oir tha m’ainm annsan. 22 Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid‐sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu: 23 Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad. 24 Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean. 25 Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg. 26 Cha tilg nì sam bith a àl, cha mhò a bhios e seasg ad thìr: àireamh do làithean coileanaidh mise. 27 Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut. 28 Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair. 29 Cha tilg mi a‑mach iad as do làthair ann an aon bhliadhna, air eagal gum bi am fearann air fhàsachadh, agus gum fàs fiadh‐bheathaichean na machrach lìonmhor ad aghaidh. 30 A lìon beag is beag tilgidh mi a‑mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu agus an sealbhaich thu am fearann. 31 Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd‐àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair. 32 Cha dèan thu riùsan, no rin diathan, coicheangal sam bith. 33 Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh‐sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society