Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug Ietro a bhean agus a dhithis mhac a dh’ionnsaidh Mhaois. 7 Thug Maois aoigheachd dha, 13 agus ghabh e a chomhairle.

1 Nuair a chuala Ietro, sagart Mhidiain, athair‐cèile Mhaois, gach nì a rinn Dia airson Mhaois agus airson Israeil a shluagh, gun tug an Tighearna a‑mach Israel as an Èiphit;

2 An sin thug Ietro, athair‐cèile Mhaois, leis Siporah bean Mhaois, an dèidh dha a cur air a h‑ais,

3 Agus a dithis mhac, dom b’ainm do a h‑aon dhiubh Gersom (oir thubhairt e, Am choigreach bha mi ann an tìr choimhich),

4 Agus b’e ainm an fhir eile Elièser, (oir rinn Dia m’athar, thubhairt e, còmhnadh rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Phàraoh).

5 Agus thàinig Ietro, athair‐cèile Mhaois, agus a mhic, agus a bhean, a dh’ionnsaigh Mhaois don fhàsach, far an do champaich e aig sliabh Dhè.

6 Agus thubhairt e ri Maois, Tha mise, d’athair‐cèile Ietro, air teachd ad ionnsaigh, agus do bhean, agus a dithis mhac maille rithe.

7 Agus chaidh Maois a‑mach an coinneamh a athar‐chèile, agus rinn e ùmhlachd dha, agus phòg e e, agus dh’altaich iad beatha a chèile: agus thàinig iad a‑steach don bhùth.

8 Agus dh’innis Maois da athair‐cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Èiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad.

9 Agus rinn Ietro gàirdeachas as leth a’ mhaith sin uile a rinn an Tighearna do Israel, a shaor e à làimh nan Èiphiteach.

10 Agus thubhairt Ietro, Beannaichte gu robh an Tighearna, a shaor sibh à làimh nan Èiphiteach, agus à làimh Phàraoh, a shaor an sluagh o bhith fo làimh nan Èiphiteach.

11 A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.

12 Agus ghabh Ietro, athair‐cèile Mhaois, tabhartas‐loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair‐cèile Mhaois an làthair Dhè.

13 A‑nis air an là màireach shuidh Maois gu breith a thoirt air an t‑sluagh; agus sheas an sluagh làimh ri Maois o mhadainn gu feasgar.

14 Agus nuair a chunnaic athair‐cèile Mhaois gach nì a rinn e ris an t‑sluagh, thubhairt e, Ciod e an nì seo a tha thu a’ dèanamh ris an t‑sluagh? Carson a tha thusa ad shuidhe ad aonar, agus a tha an sluagh uile a’ seasamh làimh riut o mhadainn gu feasgar?

15 Agus thubhairt Maois ra athair‐cèile, Do bhrìgh gun tig an sluagh am ionnsaigh a dh’fhiosrachadh o Dhia.

16 Nuair a bhios cùis aca, thig iad am ionnsaigh, agus bheir mi breith eadar duine agus duine, agus nochdaidh mi dhaibh òrdaighean Dhè, agus a laghannan.

17 Agus thubhairt athair‐cèile Mhaois ris, Cha mhath an nì a tha thu a’ dèanamh.

18 Caithidh tu as gu tur, araon thu fhèin, agus an sluagh seo a tha maille riut, oir tha an nì seo ro throm air do shon; chan eil e an comas dhut a dhèanamh ad aonar.

19 A‑nis, matà, èisd rim ghuth, bheir mi comhairle ort, agus bidh Dia maille riut: bi‑sa airson an t‑sluaigh an làthair Dhè, agus bheir thu na cùisean a dh’ionnsaigh Dhè:

20 Agus teagaisgidh tu dhaibh na h‑òrdaighean agus na laghannan, agus nochdaidh tu dhaibh an t‑slighe air an còir dhaibh imeachd, agus an obair as còir dhaibh a dhèanamh.

21 Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain leth‐cheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

22 Agus bheir iad breith air an t‑sluagh anns gach àm; ach gach cùis mhòr bheir iad ad ionnsaigh‐sa, agus air gach cùis bhig bheir iad fhèin breith: mar sin bidh e nas aotraime dhutsa, agus iomcharaidh iadsan an eallach maille riut.

23 Ma nì thu an nì seo, agus gun àithn Dia sin dhut, an sin is urrainn thu seasamh ris, agus mar an ceudna thèid an sluagh seo uile dan àite fhèin ann an sìth.

24 A‑nis dh’èisd Maois ri guth a athar‐chèile, agus rinn e gach nì a thubhairt e.

25 Agus thagh Maois daoine foghainteach a‑mach a Israel uile, agus rinn e iad nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain leth‐cheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

26 Agus thug iad breith air an t‑sluagh anns gach àm: na cùisean cruaidhe thug iad a dh’ionnsaigh Mhaois, ach air gach cùis bhig thug iad fhèin breith.

27 Agus leig Maois le a athair‐cèile imeachd; agus dh’fhalbh e roimhe da thìr fhèin.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan