Ecsodus 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 A’ chàisg air a h‑àithneadh. 29 Gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit air a mharbhadh. 31 Na h‑Israelich air am fògradh as an tìr. 43 Òrdagh na càisge. 1 Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an tìr na h‑Èiphit, ag ràdh. 2 Bidh am mìos seo dhuibh na thoiseach nam mìos: bidh e dhuibh na chiad mhìos na bliadhna. 3 Labhraibh‐se ri coitheanal Israeil uile, ag ràdh, Air an deicheamh là den mhìos seo gabhaidh iad dhaibh fhèin gach duine uan, a rèir taigh an athraichean, uan airson taighe. 4 Agus ma bhios an teaghlach ro bheag airson uain, an sin gabhaidh esan agus a choimhearsnach as fhaisge da thaigh e, a rèir àireamh nan anaman; gach duine, a rèir a itheannaich, àirmhear leibh airson an uain. 5 Bidh ur n‑uan gun ghaoid, fireann, bliadhna a dh’aois; as na caoraich no as na gobhair gabhaidh sibh e. 6 Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh‐là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar. 7 Agus gabhaidh iad den fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd‐doras nan taighean, anns an ith iad e. 8 Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo‐ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e. 9 Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruitheadh ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille ra chasan, agus maille ra ghrealaich. 10 Agus chan fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine. 11 Agus mar seo ithidh sibh e; le ur leasraidh crioslaichte, ur brògan air ur casan, agus ur lorg nur làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; is i càisg an Tighearna a tha ann. 12 Oir thèid mise tro thìr na h‑Èiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Èiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna. 13 Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Èiphit. 14 Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e. 15 Seachd làithean ithidh sibh aran neo‐ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel. 16 Agus air a’ chiad là bidh agaibh co‑ghairm naomh, agus air an t‑seachdamh là bidh agaibh co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèanar orra, saor o na dh’ithear leis gach neach; sin a‑mhàin nìthear leibh. 17 Agus cumaidh sibh fèill an arain neo‐ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Èiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh. 18 Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ithidh sibh aran neo‐ghortaichte, gu ruig an ciad là ar fhichead den mhìos anns an fheasgar. 19 Rè seachd làithean chan fhaighear taois ghoirt nur taighean: oir ge bè neach a dh’itheas aran gortaichte, gearrar an t‑anam sin fhèin as o choitheanal Israeil, co‑dhiù as coigreach e, no neach a rugadh anns an tìr. 20 Nì air bith gortaichte chan ith sibh: nur n‑àitean‐còmhnaidh uile ithidh sibh aran neo‐ghortaichte. 21 An sin ghairm Maois air seanairean Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑mach, agus gabhaibh dhuibh fhèin uan, a rèir ur teaghlaichean, agus marbhaibh a’ chàisg. 22 Agus gabhaidh sibh bad hiosoip, agus tumaidh sibh e anns an fhuil a tha anns an t‑soitheach, agus beanaidh sibh don àrd‐doras, agus don dà ursainn, leis an fhuil a tha anns an t‑soitheach: agus cha tèid a h‑aon agaibh a‑mach air doras a thaighe gu ruig a’ mhadainn. 23 Agus thèid an Tighearna thairis a bhualadh nan Èiphiteach; agus nuair a chì e an fhuil air an àrd‐doras, agus air an dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air an doras, agus cha leig e leis a’ mhilltear teachd a‑steach dur taighean gu ur bualadh. 24 Agus gleidhidh sibh an nì seo mar òrdagh dhuibh fhèin agus dur mic gu sìorraidh. 25 Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh a‑steach don fhearann a bheir an Tighearna dhuibh, a rèir mar a gheall e, gun glèidh sibh an t‑seirbhis seo. 26 Agus tàrlaidh, nuair a their ur clann ribh, Ciod as ciall dhuibh leis an t‑seirbhis seo? 27 Gun abair sibh, Seo ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air taighean chloinn Israeil anns an Èiphit, nuair a bhuail e na h‑Èiphitich, agus a shaor e ar taighean‐ne. Agus chrom an sluagh iad fhèin, agus rinn iad adhradh. 28 Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad. 29 Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit, o chiad‐ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh‐chathair, gu ciad‐ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad‐ghin ainmhidh. 30 Agus dh’èirich Phàraoh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich uile, agus na h‑Èiphitich uile; agus bha èigheach mhòr anns an Èiphit: oir cha robh taigh anns nach robh neach marbh. 31 Agus ghairm e air Maois agus air Aaron anns an oidhche, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach à meadhon mo shluaigh, araon sibhse agus clann Israeil: agus rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna, mar a thubhairt sibh. 32 Thugaibh leibh mar an ceudna ur treudan, agus ur buar, mar a thubhairt sibh, agus imichibh: agus beannaichibh mise mar an ceudna. 33 Agus thug na h‑Èiphitich dian‐sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir. 34 Agus ghabh an sluagh an taois mun do ghortaicheadh i, an amaran‐fuinidh ceangailte nan aodach air an guaillean. 35 Agus rinn clann Israeil a rèir facal Mhaois: agus dh’iarr iad o na h‑Èiphitich seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach. 36 Agus thug an Tighearna deagh‐ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Èiphiteach, agus thug iad an coingheall dhaibh: agus chreach iad na h‑Èiphitich. 37 Agus dh’imich clann Israeil o Rameses gu Sucot, mu thimcheall sia ceud mìle fear dan cois, a thuilleadh air cloinn. 38 Agus mar an ceudna chaidh iomadaidh de shluagh eile suas maille riu, agus treudan, agus buar, ro‑mhòran sprèidhe. 39 Agus dh’fhuin iad den taois a thugadh a‑mach as an Èiphit breacagan neo‐ghortaichte, oir cha do ghortaicheadh i; do bhrìgh gun d’fhuadaicheadh iad a‑mach as an Èiphit, agus nach b’urrainn iad fuireach, agus mar an ceudna nach do dheasaich iad biadh dhaibh fhèin. 40 A‑nis b’i aimsir cuairt chloinn Israeil, a bha iad a chòmhnaidh anns an Èiphit, ceithir cheud agus deich‐bliadhna‑fichead. 41 Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich‐bliadhna‑fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Èiphit. 42 Is oidhche seo gu bhith air a coimhead gu h‑àraidh don Tighearna, airson an toirt‐san a‑mach à tìr na h‑Èiphit: seo an oidhche sin gu bhith air a coimhead don Tighearna le cloinn Israeil uile nan ginealaichean. 43 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Seo òrdagh na càisge: Chan ith coigreach sam bith dhith. 44 Agus gach seirbhiseach duine, a cheannaicheadh le airgead, nuair a thimcheall‐ghearras tu e, an sin ithidh e dhith. 45 Chan ith coigreach no seirbhiseach tuarasdail dhith. 46 Ann an aon taigh ithear i: cha ghiùlain thu a’ bheag den fheòil a‑mach as an taigh; cha mhò a bhriseas sibh cnàimh dhith. 47 Nì coitheanal Israeil uile sin. 48 Agus nuair a bhios coigreach air chuairt maille riut, agus a chumas e a’ chàisg don Tighearna, timcheall‐ghearrar gach fireannach aige, agus an sin thigeadh e am fagas ga cumail, agus bidh e mar neach a rugadh anns an tìr: ach chan ith neach sam bith neo‐thimcheall‐gheàrrte dhith. 49 Bidh an t‑aon lagh aigesan a rugadh anns an tìr, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt nur measg. 50 Mar seo rinn clann Israeil uile; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad. 51 Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Èiphit, a rèir an slògh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society