Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eclesiastes 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tachraidh an t‑aon nì do na h‑uile dhaoine. 4 Tha dòchas aig na beòthan a‑mhàin. 13 Is feàrr gliocas na neart.

1 Oir chuir mi romham ann am chridhe seo uile a chur an cèill, Gu bheil na fìreanan agus na daoine glice, agus an obraichean, ann an làimh Dhè: chan aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh no fuath, leis na h‑uile nithean a tha fan comhair.

2 Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.

3 Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.

4 Oir aig gach neach a tha ceangailte ris na h‑uile bheòthan, tha dòchas: oir is fheàrr madadh beò na leòmhann marbh.

5 Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.

6 Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh, agus dam fuath, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin.

7 Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.

8 Biodh d’earradh anns gach àm geal; agus na biodh dìth ola‑ungaidh air do cheann.

9 Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin.

10 Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

11 Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh‐ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile:

12 Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.

13 An gliocas seo mar an ceudna chunnaic mi fon ghrèin, agus bu mhòr agam e.

14 Bha cathair bheag ann, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig rìgh mòr na h‑aghaidh, agus shuidh e mun cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas na h‑aghaidh.

15 Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin.

16 An sin thubhairt mise, Is fheàrr gliocas na neart: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd, agus chan èisdear ra bhriathran.

17 Eisdear ri briathran dhaoine glice ann an ciùineas, nas mò na ri glaodh an tì a riaghlas am measg amadan.

18 Is fheàrr gliocas na innealan‐cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan