Eclesiastes 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh. 8 Chan eil cumhachd aig neach air bith os cionn an spioraid. 12 Èiridh gu maith don fhìrean, ach sgriosar an t‑aingidh. 16 Chan urrainn duine obair Dhè fhaotainn a‑mach. 1 Cò a tha mar an duine glic? Agus cò don aithne eadar‐mhìneachadh nì? Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh, agus atharraichear dànachd a ghnùise. 2 Comhairlicheam dhut àithne an rìgh a choimhead, agus sin airson mionnan Dhè. 3 Na biodh cabhag ort gu dol as a shealladh: na buanaich ann an droch nì, oir nì esan gach nì as àill leis. 4 Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh? 5 Ge bè ghleidheas an àithne, cha mhothaich e droch nì sam bith; agus is aithne do chridhe duine glic àm agus breitheanas. 6 A chionn aig gach nì gu bheil àm agus breitheanas; uime sin tha truaighe an duine trom. 7 Oir chan eil fhios aige air an nì a bhios ann: oir cò a dh’innseas dha cionnas a bhitheas e. 8 Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i. 9 Seo uile chunnaic mi, agus shuidhich mi mo chridhe air gach obair a nìthear fon ghrèin: tha àm anns an riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin. 10 Agus mar sin chunnaic mi na h‑aingidh adhlaicte, a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhìochuimhnicheadh iad anns a’ chathair anns an do rinn iad mar sin: is dìomhanas seo mar an ceudna. 11 A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn‐shuidhichte air olc a dhèanamh. 12 Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair. 13 Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè. 14 Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreanan ann don tachair a rèir obair nan aingidh; agus gu bheil daoine aingidh ann don tachair a rèir obair nam fìrean: thubhairt mi gur dìomhanas seo mar an ceudna. 15 An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin. 16 Nuair a leag mi mo chridhe air eòlas a’ ghliocais fhaotainn, agus air na gnothaichean a nìthear air an talamh fhaicinn (oir mar an ceudna tha neach ann nach faic cadal a là no a dh’oidhche le a shùilean); 17 An sin chunnaic mi uile obair Dhè, nach urrainn duine an obair a nìthear fon ghrèin fhaotainn a‑mach; a chionn ged nì duine a dhìcheall air a faotainn a‑mach, gidheadh nach faigh e i; seadh fhathast, ged shaoil duine glic gum faigh e eòlas oirre, nach urrainn e a faotainn a‑mach. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society