Eclesiastes 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dìomhanas beartais agus saoibhreis don duine do nach eil Dia a’ tabhairt comais am mealtainn. 7 Cha sàsaichear miann an duine air thalamh. 10 Chan aithne do neach ciod a bhitheas na dhèidh fon ghrèin. 1 Tha olc ann a chunnaic mi fon ghrèin, agus tha e coitcheann am measg dhaoine; 2 Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e. 3 Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e. 4 Oir ann an dìomhanas thig e, agus ann an dorchadas thèid e, agus le dorchadas còmhdaichear a ainm. 5 Mar an ceudna chan fhaca e a’ ghrian, agus cha b’aithne dha nì air bith: tha tuilleadh foise aigesan na aig an fhear eile. 6 Seadh, ged bhiodh e beò mìle bliadhna dà uair, gidheadh chan fhaic e math: nach imich iad uile do aon àite? 7 Tha uile shaothair an duine airson a bheòil, agus gidheadh chan eil a mhiann sàsaichte. 8 Oir ciod tuilleadh a tha aig an duine ghlic na aig an amadan? Ciod a tha aig a’ bhochd, don aithne siubhal an làthair nam beò? 9 Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid. 10 An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris‐san as treasa na e fhèin. 11 O tha mòran de nithean ann a mheudaicheas dìomhanas, ciod as fheàirrde an duine sin? 12 Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin? |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society