Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eclesiastes 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Earail gu giùlan iomchaidh ann an teampall Dhè. 9 Cha sàsaich airgead agus pailteas an neach a ghràdhaicheas iad. 18 Is e tiodhlac Dhè do mhac an duine gàirdeachas a dhèanamh na uile shaothair, agus a shaoibhreas a mhealtainn.

1 Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.

2 Na bi bras led bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu nì a labhairt an làthair Dhè: oir tha Dia air nèamh, agus thusa air thalamh: uime sin biodh do bhriathran tearc.

3 Oir thig aisling le iomadalachd ghnothaichean, agus aithnichear guth amadain le iomadalachd bhriathar.

4 Nuair a bhòidicheas tu bòid do Dhia, na cuir dàil na dìoladh; oir chan eil tlachd aige ann an amadain: an nì a bhòidicheas tu, dìol e.

5 Is fheàrr gun thu a bhòideachadh, na gum bòidicheadh tu, agus nach dìoladh tu.

6 Na leig led bheul a thoirt air d’fheòil peacachadh; agus na abair an làthair an aingil gum bu mhearachd e; cuim am biodh fearg air Dia airson do ghutha‑sa, agus an sgriosadh e obair do làmh?

7 Oir mar ann an iomadalachd nan aisling a bhios dìomhanais, is amhail a bhios iad ann an iomadalachd nam briathar: ach biodh eagal Dhè ortsa.

8 Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr‐roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.

9 A‑nis tha tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaraichear an rìgh fhèin as an fhearann.

10 An tì a ghràdhaicheas airgead, cha sàsaichear e le airgead; no an tì a ghràdhaicheas pailteas, le toradh: is dìomhanas seo mar an ceudna.

11 Nuair a mheudaichear nithean matha, meudaichear iad a dh’itheas iad; agus ciod an tairbhe a tha annta dan sealbhadairean ach am faicinn len sùilean?

12 Tha cadal obraiche milis, co‑dhiù a dh’itheas e beagan no mòran: ach chan fhuiling sàsachd an t‑saoibhir dha cadal.

13 Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fon ghrèin, saoibhreas air a ghleidheadh da shealbhadair a‑chum an aimhleis.

14 Ach thèid as don t‑saoibhreas sin le droch shaothair: agus ginidh e mac, agus cha bhi nì air bith na làimh.

15 Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath‐thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.

16 Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith?

17 Mar an ceudna rè a làithean uile ithidh e ann an dorchadas, agus bidh mòran doilgheis agus feirge aige na thinneas.

18 Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann.

19 Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.

20 Oir cha mhòr a chuimhnicheas e làithean a bheatha; a chionn gum freagair Dia e ann an aoibhneas a chridhe.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan