Eclesiastes 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Is còir do gach duine a Chruithear a chuimhneachadh ann an làithean òige. 8 Theagaisg an Searmonaiche eòlas don t‑sluagh. 13 Is e eagal Dhè agus àitheantan‐san a ghleidheadh, co‑dhùnadh na cùise uile. 1 Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta: 2 Mun dorchaichear a’ ghrian, agus an solas, agus a’ ghealach, agus na reultan, agus an till na neòil an dèidh an uisge: 3 Anns an là anns an criothnaich luchd‐gleidhidh an taighe, agus an crom na daoine làidir iad fhèin, agus an sguir an luchd‐bleith, a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a‑mach air na h‑uinneagan; 4 Agus an dùinear na dorsan anns na sràidean, nuair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’èireas e suas aig guth an eòin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiùil; 5 Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh‐almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd‐cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean; 6 Mum fuasglar an còrd airgid, agus am bruthar an cupan òir, agus am brisear a’ chuinneag aig an tobar, agus am brisear an roth aig an t‑soitheach‐chumail. 7 An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e. 8 Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche: is dìomhanas na h‑uile nithean. 9 Agus os bàrr, do bhrìgh gu robh an Searmonaiche glic, theagaisg e an còmhnaidh eòlas don t‑sluagh; agus thug e deagh aire, agus shir e a‑mach, agus dheasaich e mòran ghnàth‐fhacal. 10 Dh’iarr an Searmonaiche briathran taitneach fhaotainn: agus bha an nì a sgrìobhadh ceart, briathran na fìrinn. 11 Tha briathran nan daoine glice mar bhioran, agus mar thàirngean air an sparradh le uachdarain choitheanal, a thugadh le aon aodhaire. 12 Agus tuilleadh, leo seo, a mhic, gabh rabhadh: air mòran leabhraichean a dhèanamh chan eil crìoch; agus tha mòran leughaidh na sgìos don fheòil. 13 Cluinneamaid brìgh na chaidh a ràdh uile: Biodh eagal Dhè ort, agus glèidh a àitheantan; oir is e seo dleasdanas iomlan an duine. 14 Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society