Eclesiastes 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha an Searmonaiche a’ nochdadh gur dìomhanas gach ni air thalamh. 9 Chan eil nì air bith nuadh fon ghrèin nach robh ann cheana anns an aimsir a chaidh seachad. 1 Briathran an t‑Searmonaiche , mac Dhaibhidh, rìgh ann an Ierusalem. 1 Briathran an t‑Searmonaiche, mac Dhaibhidh, rìgh ann an Ierusalem. 2 Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean. 3 Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin? 4 Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth. 5 Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h‑àite fhèin as an d’èirich i. 6 Thèid a’ ghaoth a làimh na h‑àird a deas, agus thèid i mun cuairt don àird a tuath; thèid i mun cuairt agus mun cuairt a‑ghnàth, agus ath‐thillidh a’ ghaoth air a cuairtean fhèin. 7 Ruithidh na h‑aibhnichean uile a‑chum na mara, gidheadh chan eil a’ mhuir làn: a‑chum an àite as an tàinig na h‑aibhnichean, thuige sin tillidh iad a‑rìs. 8 Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn. 9 An nì a bha ann, is e an nì sin fhèin a bhitheas ann; agus an nì sin a rinneadh, is e an nì sin fhèin a nìthear; agus chan eil nì sam bith nuadh fon ghrèin. 10 A bheil nì ann mum faodar a ràdh, Feuch, tha e seo nuadh? Bha e ann cheana anns an t‑seann aimsir a bha ann romhainn. 11 Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh. 12 Bha mise an Searmonaiche am rìgh air Israel ann an Ierusalem. 13 Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe. 14 Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid. 15 An nì a tha cam, cha ghabh e dèanamh dìreach; agus an nì a tha a dh’easbhaidh, cha ghabh e àireamh. 16 Labhair mi rim chridhe fhèin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr, agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem, agus chunnaic mo chridhe mòran gliocais agus eòlais. 17 Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna. 18 Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis; agus an tì a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society