Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Pòl impidh air na h‑Eabhraidhich, gun iad tuiteam air an ais on chreidimh; 11 ach a bhith seasmhach, 12 dìcheallach, agus feitheamh gu foighidinneach ri Dia, 13 do bhrìgh gu bheil esan ro fhìor agus cinnteach na ghealladh.

1 Uime sin air fàgail dhuinn ciad‐thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;

2 Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh.

3 Agus nì sinn seo, ma cheadaicheas Dia.

4 Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd‐compàirt den Spiorad Naomh,

5 Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd,

6 Agus a thuit air falbh, ath‐nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich.

7 Oir an talamh a dh’òlas a‑steach an t‑uisge a tha a’ teachd gu minig air, agus a bheir uaithe luibhean iomchaidh don dream leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia:

8 Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh.

9 Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall‐se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo.

10 Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme‐san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.

11 Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn‐dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:

12 A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd‐leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.

13 Oir nuair a thug Dia gealladh do Abrahàm, do bhrìgh nach faodadh e mionnan a thoirt air neach a bu mhò, thug e mionnan air fhèin;

14 Ag ràdh, Gu fìrinneach, beannaichidh mi gu mòr thu, agus nì mi ro‑lìonmhor thu.

15 Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh.

16 Oir gu deimhinn bheir daoine mionnan air an neach as mò: agus dhaibhsan is crìoch air gach uile chonnsachadh mionnan a‑chum daingneachaidh.

17 Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo‐chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e:

18 A‑chum tre dhà nì neo‐chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:

19 Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat‐roinn.

20 Far an deachaidh an ro‑ruith‐fhear a‑steach air ar son‐ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard‐shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan