Eabhraidhich 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha fois nan Crìosdaidhean air a faighinn tre chreidimh. 12 Cumhachd facail Dhè. 14 Tre ar n‑Àrd‐shagart Iosa Mac Dhè, a bha fo thrioblaidean, ach saor o pheacadh, 16 is còir dhuinn, agus faodaidh sinn, dol gu dàna chum caithir nan gràs. 1 Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh‐làimh air. 2 Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e. 3 Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail. 4 Oir labhair e ann an ionad àraidh mun t‑seachdamh là air an dòigh seo, Agus ghabh Dia fois air an t‑seachdamh là o a obraichean uile. 5 Agus anns an ionad seo a‑rìs, Cha tèid iad a‑steach dom shuaimhneas. 6 Do bhrìgh uime sin gun tuigear uaithe seo gun tèid dream àraidh a‑steach ann, agus nach deachaidh an dream, don do shearmonaicheadh e air tùs, a‑steach airson am mì‑chreidimh; 7 A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe. 8 Oir nam biodh Iosua air toirt suaimhneis dhaibh, cha labhradh e an dèidh sin mu là eile. 9 Uime sin dh’fhàgadh fois fa chomhair sluagh Dhè. 10 Oir an tì a chaidh a‑steach da shuaimhneas, ghabh esan tàmh o a obraichean, amhail a ghabh Dia o a obraichean fhèin. 11 Dèanamaid dìcheall uime sin air dol a‑steach don t‑suaimhneas sin, air eagal gun tuit aon neach a rèir eisempleir cheudna a’ mhì‐chreidimh. 12 Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar‐sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe. 13 Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair‐san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt. 14 Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard‐shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil. 15 Oir chan eil Ard‐shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh. 16 Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh‐chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society