Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Is mò Crìosd na Maois: 7 uime sin mur creid sinn annsan, bithidh sinn nas toillteanaiche air dìoghaltas na Israel chruaidh‐chridheach.

1 Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd‐compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd‐shagart ar n‑aidmheil;

2 A bha dìleas dhàsan a dh’òrdaich e, amhail a bha Maois mar an ceudna na thaigh‐san uile.

3 Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin.

4 Oir tha gach uile thaigh air a thogail le aon‐eigin; ach an tì a thog na h‑uile nithean, is e Dia.

5 Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh‐san uile mar sheirbhiseach, a‑chum fianais air na nithean sin a bha gu bhith air an labhairt an dèidh sin;

6 Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh‐san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

7 Uime sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,

8 Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach:

9 Far an do bhuair ur n‑athraichean mi, agus dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna.

10 Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean‐sa.

11 Ionnas gun tug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas.

12 Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

13 Ach earalaichibh a chèile gach là, am feadh a ghoirear An Là‑an‑diugh dheth; air eagal gun cruadhaichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a’ pheacaidh.

14 Oir rinneadh sinn nar luchd‐compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;

15 Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh.

16 Oir air do dhream àraidh cluinntinn, bhrosnaich iad: ach cha b’iadsan uile a thàinig a‑mach as an Èiphit le Maois.

17 Ach cò ris a bha diomb air rè dà‑fhichead bliadhna? Nach ann riùsan a pheacaich, muinntir don do thuit an colainnean anns an fhàsach?

18 Agus cò iad don tug e a mhionnan nach rachadh iad a‑steach da shuaimhneas, ach dhaibhsan nach do chreid?

19 Mar seo chì sinn nach b’urrainn iad dol a‑steach airson mì‑chreidimh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan