Eabhraidhich 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Is còir dhuinn a bhith umhail do Chrìosd, 9 agus sin do bhrìgh gun d’aontaich e ar nàdar‐ne a ghabhail air fhèin, 14 mar a bha sin feumail. 1 Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo. 2 Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas‐ùmhlachd dìol‐thuarasdal dligheach; 3 Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e; 4 Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin? 5 Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt. 6 Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e? 7 Rinn thu e rè tamaill bhig na b’ìsle na na h‑aingil; chrùn thu e le glòir agus le urram, agus chuir thu e os cionn obraichean do làmh; 8 Chuir thu na h‑uile nithean sìos fo a chasan. Oir ann an cur nan uile nithean fodha dha, cha d’fhàg e nì air bith gun chur fodha. Ach a‑nis chan eil sinn a’ faicinn nan uile nithean fhathast air an cur fo a cheannsal: 9 Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram. 10 Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais. 11 Oir tha araon an tì a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon: air an adhbhar sin cha nàir leis bràithrean a ghairm dhiubh, 12 Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut. 13 Agus a‑rìs, Cuiridh mi mo dhòchas ann. Agus a‑rìs, Feuch mise, agus a’ chlann a thug Dia dhomh. 14 Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal; 15 Agus gun saoradh e iadsan a bha tre eagal a’ bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa. 16 Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air. 17 Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd‐shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh: 18 Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society